Seann togalach Colaiste Diadhachd na Gàidhealtachd ga reic

Chaidh an togalach a thogail tràth san 19mh Linn
- Air fhoillseachadh
Tha an togalach san robh Colaiste Diadhachd na Gàidhealtachd uair stèidhichte ann an Inbhir Pheofharain air a' mhargaidh agus thathar a' sireadh còrr is £295,000 air a shon.
Tha an togalach cloiche Ìre B aig ceann an ear de dh'Àrd-shràid a' bhaile.
Bha e uair na bhanca agus thogadh e mu 1835.
Tha am prìomh thogalach agus pìos a chaidh a chur ris aig a' chùl am measg na thathar a' reic agus a' sanasachd mar chothrom leasachaidh.
Tha a' cholaiste, a tha mar phàirt de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, air a ràdh gu bheil iad a' gluasad a dh'Inbhir Nis an dèidh còrr is 30 bliadhna ann an Inbhir Pheofharain.