Fear as coireach ri bàs tè an tubaist rathaid 's e fo bhuaidh cocaine

Thachair an tubaist faisg air Pàirc an Todhair air an A9 air Taobh Sear Rois
- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach à Alnais a mharbh boireannach ann an tubaist rathaid an dèidh dha cocaine a ghabhail agus a dhol air an taobh cheàrr den A9 a chur dhan phrìosan.
Bha Jamie Little, 41, a' dràibheadh aig Pàirc an Todhair air Taobh Sear Rois air an 30mh den Ghiblean 2025 nuair a bhuail e sa charbad aig Margaret Sutherland.
Bhàsaich an neach-cùraim, a bha 59 agus aig an robh ceathrar chloinne, aig an làraich an dèidh mar a chaidh a fìor dhroch ghoirteachadh mun cheann, mun bhroilleach agus mu ìochdar na bronna.
Dh'aidich Little, a chaidh a dhìteadh roimhe airson a bhith a' dràibheadh gu cunnartach, gun do dh'adbharaich e bàs Ms Sutherland nuair a nochd e aig an Àrd-chùirt ann an Dùn Èideann.
Chuala a' chùirt gun do sheall deuchainnean a rinneadh aig oir an rathaid agus an Ospadal an Ràthaig Mhòir gun robh a chòig uimhir de chocaine am bodhaig Little na an ìre chomharraichte fon lagh.
Bha cuideachd 800 microgram de Benzoylecgonin, metabolite a thèid a chruthacheadh nuair a tha a' bhodhaig a' dèiligeadh ri cocaine, anns gach liotair den fhuil aige nuair 's e 50 microgram an ìre laghail.
Thuirt Leas-Neach-Casaid a' Chrùin Alex Prentice KC gur e beachd nam Poileas gur e Little gu tur a bu choireach ris an tubaist.
Thuirt e: "Cha bhi cocaine ri lorg ach airson ùine ghoirid ach faodar Benzoylecgonine a thomhas airson suas ri 30 uairean de thìde.
"Tha na Poilis den bheachd gur e as coireach ris an tubaist dràibhear an Toyota Hilux a bha a' dol gu deas agus a chaidh a-steach don t-slighe a' dol gu tuath agus a bhuail ann an càr Mini Cooper.
Thuirt am fear-dìon aig Little gun robh e mothachail mun àmhghar a dh'adhbhraich an co-dhùnadh aige a dhol air cùl na cuibhle do theaghlach Ms Sutherland.
Chaidh innse dhan chùirt gun robh Little air a bhith ag obair na innleadair a' dèanamh obair-chàraidh aig làraichean haidro.
Chuir am Morair Summers dàil air binn prìosain gus an tèid aithisgean mu Little ullachadh, agus chaidh a chumail an grèim.