Oifigearan a' poiliseadh an cuid Ghàidhlig sna h-Eileanan Siar

Dithis oifigearan poilis le suaicheantasan UHI a Tuath, an Iar agus Innse-GallTùs an deilbh, Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Tha oifigearan poilis a tha stèidhichte anns na h-Eileanan an Iar air a bhith a' gabhail pàirt ann an cùrsaichean an-asgaidh air-loidhne airson Gàidhlig ionnsachadh.

Tha am prògram, a th' air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, ag amas air ceanglaichean nas dlùithe a thogail eadar oifigearan agus a' choimhearsnachd, agus air na cothrom a th' ann an cànan a chleachdadh leis na seirbheisean poblach a leudachadh.

Tha am Bòrd air cùrsaichean a mhaoineahcadh do 127 oileanaich aig UHI a Tuath, a Iar is Innse-Gall, eadar luchd-obrach o UHI fhèin, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, NHS nan Eilean Siar agus Poileas Alba.

Tha cùrsaichean cuideachd gan tabhann an-asgaidh air pàrantan aig a bheil clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

"Tha sinn a' tuigsinn cho cudromach 's a tha dualchas agus cultar nan Eilean Siar agus tha sinn airson gnothach a ghabhail ris cho mòr 's as urrainn, gus an riochdaich sinn na coimhearsnachdan sa bheil sinn ag obair," thuirt Àrd-Inspeactair Ros McCartney, manaidsear sgìreil nan Eilean Siar aig Poileas Alba.

"Tha triùir oifigearan an-dràsta a' dèanamh a' chùrsa, agus bu mhath leam taing a toirt do UHI a Tuath, an Iar agus Innse-Gall, agus Bòrd na Gàidhlig, airson an cuid taice.

"Thèid an cothrom seo a thabhann air oifigearan a tha ag obair sna h-Eileanan no a' gluasad ann 's a tha ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh."

Tha Bòrd na Gàidhlig ag ràdh gu bheil a' Ghàidhlig cudromach airson a bhith ag obair sna h-Eileanan Siar.

"Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte faicinn an àireamh dhaoine sna seirbheisean poblach againn a tha dealasach mun Ghàidhlig ionnsachadh tro UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall," thuirt Ceannard a' Bhùird, Ealasaid NicDhòmhnaill.

"Tha e a' comharrachadh cho cudromach 's a tha e a bhith comasach air a bhith an sàs gu h-èifeachdach sna coimhearsnachdan againn.

"Tha mi a' guidhe gach soirbheachas dhaibh air an turas ionnsachaidh cànain."

'S iad na h-oifigearan a tha ag ionnsachadh air a' chùrsa Ùlpan an t-Àrd-Inspeactair Ros McCartney, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis, an t-Inspeactair Euan Cowan, stèidhichte an Steòrnabhagh ach a bhuineas do dh'Annan sna Crìochan, agus PC Suzanne Blackie, ann am Barraigh, a bhuineas do Lodainn bho thùs.