Inneal-airgid an Tairbeirt a-mach à seirbheis greis fhathast

- Air fhoillseachadh
Tha a' chompanaidh leis a bheil inneal-airgid an Tairbeirt air innse gum bi greis ann fhathast mus tig e air ais ann an seirbheis.
Chaidh an t-airgead a thoirt a-mach às an inneal air a' mhìos a chaidh, le teagamh air cuid anns an sgìre gun robh an goireas gu bhith a' dùnadh.
Dhearbh NCR Atleos, a' chompanaidh leis a bheil e fo ainm 'Cashzone', nach robh planaichean aca an t-inneal a thoirt air falbh ach gun robh obair shusbainteach a' dhìth air an togalach anns a bheil e stèidhichte agus gun robh aca ri a thoirt a-mach à seirbheis rè ùine gus an tachradh sin.
Tha a' mhòr-chuid de bhùithdean air an Tairbeart a' gabhail pàigheadh tro dhòighean nach eil a' cleachdadh airgid-làimhe, ach bhiodh daoine tric a' cleachdadh an inneil am meadhan na pàirce-chàraichean sa bhaile airson tachartasan aig an ionad choimhearsnachd faisg air làimh.

Chan fhaighear airgead-làimhe anns na Hearadh ach a-mhàin nuair a tha Oifis a' Phuist no cuid de na bùithdean fosgailte an-dràsta.
Dh'innis Niall Màrtainn, Stiùiriche Sgìre na Rìoghachd Aonaichte, Èirinn is Ceann a Tuath na Roinn Eòrpa aig NCR Atleos, gu bheil an "an ATM (inneal-airgid) air an Tairbeart far an lìonra an-dràsta agus thug sinn an t-airgead a-mach às fhad 's a tha obair a' leantainn air an togalach anns a bheil e."
"Le cho iomallach 's a tha far a bheil i, feumaidh sinn an obair a dhèanamh gu cùramach gus a bhith cinnteach gun obraich an ATM gu seasmhach.
"Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach 's a tha cothrom air airgead-làimhe do dhaoine a tha a' fuireach no a' tadhal air na Hearadh agus tha an luchd-einnseanairidh againn air a bhith a' sgrùdadh an t-suidheachaidh agus a-nis a' leantainn air adhart ris an obair-càraidh gus an tèid an t-inneal a thoirt air ais ann an seirbheis cho luath 's a ghabhas."
Tha airgead ri fhaighinn aig Oifis a' Phuist, beagan astair bhon inneal seo, no ann am bùithdean AD Munro's no Essence of Harris a tha lè chèile faisg air làimh cuideachd.
Tha sin uile a' crochadh air uairean-fosglaidh nan companaidhean sin ge-tà, agus mar sin chan eil airgead-làimhe ri fhaodainn idir an-dràsta ann an àite sam bith anns na Hearadh anmoch air an oidhche no Là na Sàbaid.

Tha an togalach gorm anns a bheil an t-inneal feumach air obair-càraidh.
Thuirt neach-labhairt LINK - buidheann a tha a' brosnachadh cleachdadh airgid-làimhe le 40,000 inneal-airgid ceangailte ris, inneal an Tairbeirt nam measg - gu bheil "cothrom air airgead-làimhe riatanach fhathast do na milleanan dhaoine air feadh na RA".
"Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach 's a tha cothrom air airgead-làimhe gu h-ionadail agus tha sinn ag obair leis a' chompanaidh leis a bheil an t-inneal seo gus dèanamh cinnteach gun tèid a chleachdadh a-rithist," thuirt iad.
Thuirt Niall Màrtainn gun robh iad "taiceil do choimhearsnachdan, beag agus mòr, ann a bhith a' faighinn cothrom air airgead-làimhe" ach gun robh LINK air na cìsean aca a chumail aig an aon ìre fad iomadh bliadhna "a dh'aindeoin mar a tha cosgaisean nan companaidhean leis a bheil na h-innealan ag èirigh, a' fàgail gu bheil tòrr innealan ann nach eil ion-obrachail gu coimeirsealta."
Faodar lorg fhaighinn air an dòigh a b' fhaisge oirbh airgead-làimhe fhaighinn air làrach LINK, taobh a-muigh.