Bhàsaich fear-spreap agus rinneadh cobhair air dithis eile air a' Ghàidhealtachd

Sgùrr Fiona agus Corrag Bhuidhe bho Bhidein a' Ghlas Thuill, An Teallach
Tùs an deilbh, COLIN PARK/GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an duine a bhàsaich agus dithis eile air a dhol a shreap air Sgùrr Fiona

  • Air fhoillseachadh

Thàinig e am bàrr gu bheil sreapadair, 58, air a bheatha a chall agus chaidh cobhair a dhèanamh air dithis a bha còmhla ris an dèidh dhaibh faighinn ann an èiginn air beinn air Taobh Siar Rois an t-seachdain a chaidh.

Bha na poilis agus Sgioba-teasairginn Dhùn Dòmhnaill air an gairm a-mach airson coimhead airson an triùir air Sgùrr Fiona, mullach air An Teallach, agus dragh ann mu shuidheachadh thriùir air Sgùrr Fiona air an 19mh den Ghearran.

Fhuair buill Sgioba-teasairginn Dhùn Dòmhnaill lorg air dithis, agus chaidh aon aca a thoirt dhan ospadal.

Thuirt neach-labhairt Poileas Alba: "Chaidh corp treas neach, fireannach aois 58, a lorg às dèidh sin. Chaidh innse do a theaghlach.

"Tha an sgrùdadh a' leantainn feuch de bu choireach ri na thachair."