"Co-dhùnaidhean cruaidh" air seirbheisean aiseig na h-Alba

- Air fhoillseachadh
Thug Rùnaire na Còmhdhail rabhadh seachad gum feum co-dhùnaidhean cruaidh a bhith ann co-cheangailte ri seirbheisean aiseig ann an Alba.
A' toirt seachad òraid ann am Pàrlamaid na h-Alba, thuirt Fiona Hyslop cuideachd gun tèid àrdachadh a dhèanamh air an àireimh de mhanaidsearan roinneil a bhios ann airson dèiligeadh ri seirbheisean aiseig air feadh Alba.
Thuirt i gun tèid sianar fhastadh, seach triùir, gus dèanamh cinnteach gu bheil seirbheisean a' dol cho math 's a ghabhas.
Bha gealltanas bhuaipe cuideachd gum bi guth nas treasa aig eileanaich air buidhnean còmhdhail san àm air thoiseach.
Dh'aidich i gu bheil dùbhlain air a bhith ann le grunn sheirbheisean fad mhìosan agus dàil ann fhathast air aiseagan ùra do dh'Arainn agus Ìle.
Ach cha robh ceann-là ùr aice airson an Gleann Sannox, a thathas a' togail aig Gàrradh MhicFhearghais, a bhith air a toirt seachad.
A thaobh an aiseig Isle of Islay, a thathas a' togail san Tuirc, thuirt i gum bu chòir an tè sin a bhith aig CMAL ro dheireadh na bliadhna seo agus ann an seirbheis aig toiseach na h-ath-bhliadhna.
Adhartas
Thug Ms Hyslop fiosrachadh a thaobh an adhartais a thathas a' dèanamh airson cùmhnant nan seirbheisean aiseag a thoirt seachad.
Thuirt i gun deach an cùmhnant a bh' ann a leudachadh airson bliadhna agus gur e an ath-cheum a bhith a' dol gu Coimisean na Farpais 's nam Margaidhean gus cead fhaighinn an cùmhnant a thoirt dìreach do ChalMac.
Ach aig deireadh na h-òraid aice , thug i ràbhadh seachad gu bheil co-dhùnaidhean cruaidh ri thighinn co-cheangailte ri seirbheisean aiseig leis cho doirbh 's a tha suidheachdah an ionmhais.
Chan eil fios dè tha sin gu bhith a' ciallachadh gu practaigeach - ged a thuirt i gu bheil buidheann gnìomha gu bhith a' coimhead air dàil air leasachadh cidhe Àird Rosain agus gu bheil a' chùis a' gluasad air adhart.
Bristeadh-dùil
Thuirt fear-labhairt còmhdhail nan Tòraidhean, Graeme Simpson, gur e bristeadh-dùil a bha san òraid aice agus dh'iarr e oirre mìneachadh dè direach a bha i a' ciallachadh le "co-dhùnaidhean cruaidh".
Dh'iarr e gum biodh làn-dheasbad air na seirbheisean aiseig.
Rinn fear-labhairt còmhdhail nan Làbarach, Alex Rowley, càineadh air an Riaghaltas agus e ag ràdh gur e luchd-obrach agus luchd-siubhail a bhiodh a' pàigheadh airson na droch cho-dhùnaidhean aig an riaghaltas ri linn mar a làimhsich iad an t-ionmhas air aiseagan ùra.
Dh'iarr am BPA Gàidhealach Làbarach, Rhoda Ghrannd, gealltanas gum bi gu leòr àite airson aiseagan Steòrnabhaigh nuair a bhios an cabàll-mara ùr eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr ga thogail.
Gheall Ms Hyslop cò-obrachadh le roinnean eile an Riaghaltais agus leis an roinn phrìobhaidich gus an tachair sin.