Cobhair air iacht gun stiùir far Rònaigh

Seo an dàrna turas am-bliadhna chaidh bàta-teasairginn RNLI Phort Rìgh a ghairm gu cùis ann an Rònaigh
- Air fhoillseachadh
Rinn bàta-teasairginn Phort Rìgh cobhair air iacht a bh' air stiùireadh a chall far eilean Rònaigh a tha suidhichte far chladaich Thròndairnis agus tuath air Ratharsair.
Chaidh an luchd-teasairginn a ghairm a-mach goirid ro 3:30f feasgar Diluain agus rinn iad air far an robh an soitheach mu dheich mionaidean às dèidh làimh.
Thug iad 20 mionaid faighinn chun na làraich agus cho-dhùin iad an iacht a thobhadh air ais a Phort Rìgh.
Thuirt neach-stiùireadar bàta-teasairginn RNLI Phort Rìgh, Stiùbhart MacNeacail, gur e am "prìomhachas dèanamh cinnteach gun robh na bh' air bòrd uile sàbhailte agus gu math".
Thuirt e: "Le gaoth agus muir mòr agus cunnart ann gun deadh an iacht air na creagan far Rònaigh, chuir sinn romhainn a tobhadh air ais dhan chala shàbhailte as fhaisge ann am Port Rìgh.
"Bu mhath leam taic a thoirt do chriutha shaor-thoileach RNLI Phort Rìgh airson mar a dhèilig iad ris a' chùis, gu sònraichte leis cho dùbhlanach 's a bha an aimsir."
'S e seo an dàrna turas am-bliadhna a chaidh an luchd-teasairginn a ghairm a-mach gu Rònaigh.
Sa Ghearran rinn iad cobhair air neach a bh' air a ghoirteachadh an dèidh dhaibh tuiteam air an eilean.