Swinney a' gealltainn £500m a bharrachd do chùram-chloinne

John SwinneyTùs an deilbh, PA Media
  • Air fhoillseachadh

Gheall am Prìomh Mhinistear còrr air £500m a chosg air barrachd chùraim-chloinne ma thèid an SNP a thaghadh às ùr sa Chèitean.

Thuirt Iain Swinney gun deadh cùram-cloinne a leudachadh dhan a h-uile pàiste san dùthaich eadar aois naoi mìosan agus deireadh na bun-sgoile a h-uile seachdain den bhliadhna.

Thuirt Mgr Swinney gun robh e air cluinntinn bho phàrantan air feadh na dùthcha gu bheil iad "a' strì airson obair agus cùram-cloinne a chothromachadh".

Gheall e cuideachd gum biodh a dhà uimhir de chlionaigean GP ann dham faod daoine coiseachd a-steach, agus airgead a bharrachd do Ghlaschu airson cuideachadh le bhith a' faighinn seachad air teine mòr Sràid an Aonaidh.

A' bruidhinn ann an Dùn Èideann aig a' cho-labhairt mu dheireadh aig an SNP ro thaghaidhean a' Chèitein, thuirt ceannard a' phàrtaidh gum biodh "còrr air leth-bhillean not" de dh'in-ionmhas ùr air cùlaibh an leasachaidh air cùram-chloinne.

"Bheir sinn siostam gur tùr ùr air adhart airson cùraim-chloinne a fhreagras air teaghlaichean, seach a bhith an dùil gum freagair teaghlaichean air an t-siostam," thuirt e.

"Leis nach eil obair phàrantan a' stad ann an làithean-saora an t-samhraidh, cha stad cùram-cloinne nas motha."

Thuirt e gum faigheadh a h-uile teaghlach an Alba taic luach eadar £1,400 agus còrr is £11,000 a rèir am feum.

Thuirt Mgr Swinney cuideachd gu bheil a phàrtaidh fo ghealltanas obrachadh a dh'ionnsaigh neo-eisimeileachd, agus gun cleachdadh e an cumhachd a thigeadh le sin gus casg a chur air feachdan cèin sam bith a tha an sàs ann an cogaidhean mì-laghail a bhith a' cleachdadh fearann na h-Alba.

Thuirt am Prìomh Mininstear cuideachd gun deadh an SNP nas fhaide a thaobh clionaigean GP a bharrachd a chruthachadh far nach fheumar àm a chur air dòigh ro làimh.

Tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta ag obair air 15 clionaig den leithid.

Gheall Mgr Swinney gun deadh 30 dhiubh a thoirt seachad ma thèid an SNP a thaghadh.

"Bheir sinn seachad a dhà uimhir 's na gheall sinn an toiseach, a' ruighinn barrachd bhailtean beaga is mòra air feadh na h-Alba," thuirt e.

"Ann an Aonghas, Baile Dhùnlèibhe, Pàislig, Inbhir Nis, Glaschu, san Eaglais Bhric, Siorrachd Àir, Dùn Èideann, Siorrachd Lannraig, Cille Bhrìghde an Ear, Srath Thuaidh, Siorrachd Rinn Friù an Ear agus Dùn Breatann. Siud an SNP a' lìbhrigeadh airson Alba."

Gheall e cuideachd gun deadh sreath cheumannan a ghabhail airson Glaschu a chuideachadh faighinn seachad air teine na seachdain a chaidh air Sràid an Aonaidh.

Pàighidh Riaghaltas na h-Alba, thuirt Mgr Swinney, airson na h-obrach leagail air an togalach a chaidh a sgrios.

"Siud £1m nach bu chòir tighinn o na seirbheisean poblach air a bheil muinntir Ghlaschu a' crochadh," thuirt e.

Dh'fhoillsich e cuideachd maoin luach £10m airson taic a thoirt do Chomhairle Baile Ghlaschu, agus ghnothachasan gus a' cheàrnaidh den bhaile ath-thogail.