Adhartas ga dhèanamh le obair togail goireas MRI aig Ospadal nan Eilean

Tha dùil gum bi an goireas MRI ùr deiseil ro dheireadh an t-samhraidh
- Air fhoillseachadh
Tha an obair gus seirbheis MRI a stèidheachadh aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh air clach-mhìle eile a ruighinn.
Dh'innis NHS nan Eilean Siar gun do thòisich an ath ìre den obair-togail far an tèid dealan a cheangal ris an làraich.
Thèid cuideachd pìos de mhullach agus ballachan an ospadail a leagail airson an structar far an tèid an t-seirbheis MRI a thogail.
A bharrachd air an sin, thèid siostaman fuarachaidh agus gaothrachaidh a chur an sàs.
Tha dùil gum bi an goireas ùr deiseil ro dheireadh an t-samhraidh.
Dùil gun tòisich obair air sganair MRI nan Eilean Siar as t-fhoghar
- Air fhoillseachadh25 An Lùnastal 2025
Obair gus tòiseachadh air goireas MRI aig Ospadal nan Eilean
- Air fhoillseachadh23 An Dùbhlachd 2025
'S e a' chompanaidh Lewis Builders a chaidh a thaghadh airson an obair a dhèanamh.
Chaidh an làrach far a bheil iad ag obair a dhùnadh don phoball air adhbharan sàbhailteachd.
Tha an t-ùghdarras slàinte ag ràdh gun do rinn iad an dìcheall gus dèanamh cinnteach nach toir an obair cus buaidh ach thuirt iad nach eil rian nach bi beagan fuaime na lùib.
"Bu mhath leinn taing a thoirt do luchd-obrach, euslaintich agus luchd-tadhail airson an cuid foighidinn agus toinisg," thuirt neach-labhairt.

Thèid dealan a chur ris a' ghoireas, cho math ri siostaman fuarachaidh is gaothrachaidh
Tha dùil gum mair an obair-togail mu 34 seachdainean uile gu lèir agus gum bi i deiseil as t-samhradh.
Bidh an t-seirbheis MRI ùr a' ciallachadh gum faigh euslaintich dearbhadh nas luaithe agus gum bi ùineachan-feitheimh nas giorra don a h-uile euslainteach air feadh nan Eilean Siar.