Obair gus tòiseachadh air goireas MRI aig Ospadal nan Eilean

Sganair MRITùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tòisichidh obair tràth san Fhaoilleach gus goireas MRI a stèidheachadh ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh.

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad an dòchas gum bi an sganair ann an seirbheis as t-fhoghair 2026.

Tha iad cuideachd air Joanne Adlam a chur ann an dreuchd mar àrd-rèidio-ghrafaiche.

Bha iad roimhe air Ms Adlam fhastadh ann an 2025 'son a bhith os cionn a' phròiseict gus seirbheis MRI a chur air dòigh.

Tha a' bhuidheann air a bhith ag obair a dh'ionnsaigh sganair MRI a bhith aca fad beagan bhliadhnaichean.

Tha iad ag ràdh gur e "ceum mòr" a tha seo is gun tèid amannan feitheimh a lùghdachadh airson euslainteach air feadh nan Eilean Siar.

'S iad Lewis Builders a fhuair an cùmhnant gus an obair togail a dhèanamh le dùil gun tòisich iad tràth san Fhaoilleach.

Thuirt am bòrd slàinte gun tèid a h-uile oidhirp a dhèanamh gus a' bhuaidh air seirbheisean do dh'euslaintich a lùghdachadh fhad 's a tha an obair a' dol air adhart.