Seirbheis mu dheireadh an Eaglais a' Chlachain
- Air fhoillseachadh

Bidh an t-seirbheis mu dheireadh ann an eaglais eachdraidheil air taobh siar Rois air an deireadh-sheachdain.
Chaidh Eaglais Pharaiste Loch Bhraoin sa Chlachan a thogail san 19mh linn, ach tha an togalach a-nis a' dol bhuaithe.
Tha Eaglais na h-Alba ag ràdh nach eil feum air tuilleadh.
Cuiridh iad an togalach air a' mhargaidh sa bhliadhna ùir.
Mura tèid a cheannach, dh'fhaodadh gun tèid am mullach a thoirt far an togalaich is inbhe tobhta sàbhailte a chur air.
Tha buidheann coimhearsnachd ùr air a bheil Caraidean Chlachan Loch Bhraoin an dòchas nach tachair sin.
Thuirt iad gu bheil iad an-dràsta ag ullachadh tagradh a chur chun na h-eaglaise.
Thuirt a' bhuidheann gur e làrach adhraidh a tha seo a tha a' dol air ais 1,000 bliadhna.
Tha iad airson an togalach a chur ann an làmhan nan daoine, is iad ag ràdh gur e goireas air leth a dh'fhaodadh a bhith ann dhan choimhearsnachd san fharsaingeachd, a bharrachd air a bhith na àite adhraidh.
Bidh an t-seirbheis mu dheireadh ann an Eaglais a' Chlachain Didòmhnaich aig 11:00m.