Thig suim nan ceàrnan ann an triantan gu 180°; ceithir-cheàrnach gu 360°. Gabhaidh ceàrnan obrachadh a-mach am broinn leth-chearcaill is cearcaill, is le letheadairean ceart-cheàrnach is tansaintean.
Bidh tansaint a' coinneachadh ri cearcall aig aon phuing a-mhàin.
'S e ceàrn ceart de \(90^\circ\) a tha sa cheàrn eadar tansaint agus radius.
Question
San diagram seo 's e C meadhan a' chearcaill agus 's e tansaint dhan chearcall a th' ann am PT.
\(CT=5\,cm\) agus \(PT=12\,cm.\)
Dè an fhaid a th' ann an CP?
'S e tansaint a th' ann am PT agus 's e radius a th' ann an CT, agus mar sin \(\angle CTP=90^\circ\).
(Chan àbhaist gum bi an ceàrn ceart seo air a chomharrachadh air an diagram. Feumaidh tu a thuigsinn gu bheil e ann bhon 's e tansaint dhan chearcall a th' ann am PT).
Tha triantan ceart-cheàrnach againn agus mar sin faodaidh sinn Pythagoras a chleachdadh: