Tha cearcall-thomhas cearcaill = \(\pi d\) no \(2\pi r\).
Seall air seactor a' chearcaill gu h-ìosal. Gus faid an arc obrachadh a-mach, feumaidh fios a bhith againn dè a' bhloigh dhen chearcall a th' air a sealltainn. Gus seo a dhèanamh, bidh sinn a' cleachdadh a' cheàirn agus ga choimeas ri 360˚.
Tha 144° sa cheàrn seo.
Sin \(\frac{{144^\circ }}{{360^\circ }} = \frac{2}{5}\) de char slàn (360°).
Mar sin 's e an arc \(\frac{2}{5}\) a' chearcaill-thomhais.
\(c=\pi d=3.14\times 6\) (Cuimhnich gu bheil an cearcall-thomhas a dhà uiread ris an radius.)
\(=18.84\,cm\)
Faid an arc = \(\frac{2}{5}\times 18.84 = 7.54\,cm\)
(Chan fheum thu \(\frac{144}{360}\) a shìmpleachadh. Faodaidh tu seo a chleachdadh ann a bhith ag obrachadh a-mach an arc an àite \(\frac{2}{5}\).)
'S e am foirmle airson Faid an Arc obrachadh a-mach: