CeàrnanCearcall

Thig suim nan ceàrnan ann an triantan gu 180°; ceithir-cheàrnach gu 360°. Gabhaidh ceàrnan obrachadh a-mach am broinn leth-chearcaill is cearcaill, is le letheadairean ceart-cheàrnach is tansaintean.

Part ofMatamataigSgilean geoimeatraidh

Cearcall

'S e loidhne, a tha a' tòiseachadh aig meadhan a' chearcaill agus a' crìochnachadh aig puing air a' chearcall-thomhas, a th' ann an radius cearcaill. Tha leth meud an trast-thomhais san radius.

Diagram of a circle radius

Coimhead air an diagram. Bhon as e OA agus OB radii a' chearcaill, tha OA = OB. Mar sin tha seo a' cruthachadh triantan co-chasach am broinn a' chearcaill.

Cuideachd, cuimhnich bhon a tha triantan AOB co-chasach gu bheil \(\angle OAB=\angle OBA\).

Question

Diagram of a triangle inside a circle with 136∞ angle

Sa chearcall, obraich a-mach meud \(\angle OBA\).