CeàrnanNa diofar sheòrsachan thriantan

Thig suim nan ceàrnan ann an triantan gu 180°; ceithir-cheàrnach gu 360°. Gabhaidh ceàrnan obrachadh a-mach am broinn leth-chearcaill is cearcaill, is le letheadairean ceart-cheàrnach is tansaintean.

Part ofMatamataigSgilean geoimeatraidh

Na diofar sheòrsachan thriantan

Anns a h-uile triantan, bidh na 3 ceàrnan air an cur-ris a' toirt dhuinn \(180^\circ\).

Diagram of a plain triangle

Eismpleir

Obraich a-mach luach \(x^\circ\) san triantan gu h-ìosal.

Diagram of a triangle with 70° angle, 50° angle and x° angle

Freagairt

\(x^\circ=180^\circ-(70^\circ+50^\circ)=180^\circ-120^\circ=60^\circ\)

Ann an triantan ionann-thaobhach tha na 3 taobhan co-ionann ann an faid agus tha na 3 ceàrnan co-ionann ri \(60^\circ\).

Diagram of an equilateral triangle with three 60° angles

Ann an triantan co-chasach tha dà thaobh co-ionann ann am faid agus tha dà cheàrn co-ionann.

Diagram of an isosceles trianglewith two equal angles

Question

San diagram seo tha an triantan co-chasach agus mar sin tha an dà cheàrn aig a' bhonn co-ionann ri \(70^\circ\).

Diagram of an isosceles triangle with 70° angle and a° angle

Dè an luach a tha aig \(a^\circ\)?