Thig suim nan ceàrnan ann an triantan gu 180°; ceithir-cheàrnach gu 360°. Gabhaidh ceàrnan obrachadh a-mach am broinn leth-chearcaill is cearcaill, is le letheadairean ceart-cheàrnach is tansaintean.
Part ofMatamataigSgilean geoimeatraidh
'S e cumadh dùinte 2-sheallach le taobhan dìreach a th' ann am poileagan.
San earrainn seo bheir sinn sùil air feartan nam poileagan.
'S e triantan (cumadh 3-thaobhach) am poileagan as sìmplidhe a th' ann. Faodaidh a h-uile seòrsa poileagan a bhith riaghailteach no neo-riaghailteach.
Tha taobhan co-ionann aig poileagan riaghailteach agus tha gach ceàrn air an taobh a-staigh de mheud cho-ionann.
Faodaidh faid sam bith a bhith ann an taobhan poileagan neo-riaghailteach agus faodaidh meud sam bith a bhith sna ceàrnan.
Seo ainmean cuid de phoileagain chumanta: