Thig suim nan ceàrnan ann an triantan gu 180°; ceithir-cheàrnach gu 360°. Gabhaidh ceàrnan obrachadh a-mach am broinn leth-chearcaill is cearcaill, is le letheadairean ceart-cheàrnach is tansaintean.
Nuair a thèid triantan a dhèanamh am broinn leth-chearcaill, bidh dà loidhne bho gach taobh dhen trast-thomhas a' coinneachadh aig puing air a' chearcall-thomhas aig ceàrn ceart.
'S e ceàrn ceart de \(90^\circ\) a tha sa cheàrn ann an leth-chearcall.
Eisimpleir
San diagram seo 's e trast-thomhas a th' ann am PR agus tha \(\angle PRQ=25^\circ\).
Dè am meud a th' ann an \(\angle QPR\) ?
Freagairt
Tha \(\angle PQR=90^\circ\) bhon as e ceàrn ann an leth-chearcall a th' ann.
Tha na trì ceàrnan san triantan a' dèanamh \(180^\circ\), agus mar sin: