Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

An Taigh-tasgaidh 's an LeabharCuspairean agus teamaichean

Tha a' bhàrdachd seo, le Màiri NicGumaraid, a' beachdachadh air eachdraidh agus cultar agus mar a thèid an call eadar ginealaichean.

Part ofGàidhligLitreachas

Cuspairean agus teamaichean ann an An Taigh-tasgaidh 's an Leabhar

Dòigh-beatha

Tha NicGumaraid a' dèanamh iomradh air an dòigh-beatha a bh' aig a sean-phàrantan. 'S mathaid gun robh iad an sàs ann an croitearachd – tha seo ri fhaicinn bho na h-iomraidhean air sabhal, sguab agus uidheaman. Tha dragh air NicGumaraid gu bheil a' chuimhne a th' aice air na rudan seo a' fàs fann.

Eachdraidh agus cultar

Tha e follaiseach gu bheil beàrn air èirigh eadar am bàrd agus a h-eachdraidh, nach iarradh i a bhith ann. Tha aice an-diugh ri tadhal air taigh-tasgaidh, leabhar a leughadh agus a dhol gu fear eile gus a grèim air a cultar ùrachadh is a dhoimhneachadh na h-inntinn. Feumaidh i a-nis am fiosrachadh seo fhaighinn bho ghuth a tha ceum nas fhaide air falbh bhuaipe seach bho a daoine is a coimhearsnachd fhèin.

Ceanglaichean eadar ginealaichean

Tha am bàrd a' sealltainn cho mòr 's a tha gnothaichean air atharrachadh eadar beagan ghinealaichean. Ged nach eil ach dà ghinealach eadar i fhèin 's a sean-phàrantan, tha i mar-thà a' faireachdainn gu bheil astar mòr eatarra. Tha an t-iomsgaradh eadar an t-saor-rannaigheachd agus an structar traidiseanta sa bhàrdachd a' riochdachadh an eadar-dhealachaidh seo.