Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

An Taigh-tasgaidh 's an LeabharAn Taigh-tasgaidh 's an Leabhar

Tha a' bhàrdachd seo, le Màiri NicGumaraid, a' beachdachadh air eachdraidh agus cultar agus mar a thèid an call eadar ginealaichean.

Part ofGàidhligLitreachas

An Taigh-tasgaidh 's an Leabhar le Màiri NicGumaraid

'S ann à Àiridh a' Bhruaich ann an Sgìre nan Loch de dh'Eilean Leòdhais a tha Màiri NicGumaraid. Tha Màiri air ficsean a sgrìobhadh a thuilleadh air bàrdachd. Anns a' phìos seo, tha NicGumaraid a' meòrachadh air a h-eachdraidh agus a cultar agus mar a thèid aice air an tuigsinn agus an cuimhneachadh nas fheàrr.

An Taigh-tasgaidh 's an Leabhar
by Màiri NicGumaraid

Feumaidh mi dhol chun taigh-tasgaidh
dh'fhaicinn uidheaman m' eachdraidh
a shad mo sheanmhair às,
a shuath mo sheanair
le bhoisean cnapach sgìth
air a' chuairt mu dheireadh
a ghabh e
dhan t-sabhal.

Feumaidh mi dhol chun taigh-tasgaidh
às aonais duslach an fheòir
air m' aodach,
dh'fhaicinn uidheaman m' eachdraidh
mus tèid an leth-shealladh
den leth-sgeul
a th' agam
a dhìth
leis an sguab th' air cùl mo shàil.

Feumaidh mi leabhar bhith deas air mo shùil
de bhriathran nan làithean a dh'fhalbh,
feumaidh mi leughadh fa chomhair an àm
tha cànan an cunnart dhol balbh.

Feumaidh mi leabhar a dh'innseas dhomh sgeul
nach eil idir air bilean an t-sluaigh,
a dhol gu fear eile 'son barrachd de dh'fhios
's de thuigse air adhbhar na truaigh'.

An Aghaidh na Sìorraidheachd / In the Face of Eternity, © Mary Montgomery 1991. Reproduced with permission of the Licensor through PLSclear.