Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

An Taigh-tasgaidh 's an LeabharA' beachdachadh air bàrdachd

Tha a' bhàrdachd seo, le Màiri NicGumaraid, a' beachdachadh air eachdraidh agus cultar agus mar a thèid an call eadar ginealaichean.

Part ofGàidhligLitreachas

A' beachdachadh air bàrdachd

Co-theacsa na bàrdachd

Nuair a tha thu a' sgrùdadh bàrdachd, tha e cudromach gun tuig thu an co-theacsa san deach am pìos a sgrìobhadh. Bu chòir coimhead air beatha a' bhàird, cuin agus càit an deach a' bhàrdachd a sgrìobhadh. Dh'fhaodadh gum biodh cùl-fhiosrachadh mu eachdraidh no poilitigs cuideachail ann a bhith a' tuigsinn prìomh bheachdan a' phìos.

A' leughadh na bàrdachd

Uaireannan, nuair a tha thu a' leughadh bàrdachd, chan fhaic thu na cuspairean no na teachdaireachdan sa chiad dol a-mach. Leugh a' bhàrdachd gu mionaideach, a' dèanamh cinnteach gu bheil thu a' tuigsinn a' bhriathrachais agus abairtean sam bith a tha ùr no toinnte.

Gu math tric ann an leabhraichean bàrdachd na Gàidhlig, chì thu eadar-theangachadh sa Bheurla ri taobh na Gàidhlig. Dh'fhaodadh gum biodh sin cuideachail gu ìre, ach tha e air leth cudromach gun tuig thu am pìos sa Ghàidhlig, oir bidh eadar-dhealachaidhean beaga ann a thaobh mar a chaidh an t-eadar-theangachadh a dhèanamh. 'S mathaid gum bi (òrdugh nam faclan), structar no briathrachas diofraichte ann, airson 's gun obraich a' bhàrdachd ann am Beurla. Leis a sin, feumaidh tu a thuigsinn sa Ghàidhlig.

Dlùth-leughadh

Nuair a tha thu a' tuigsinn briathrachas na bàrdachd aig ìre litireil, feumaidh tu an uair sin sùil gheur a thoirt air sgilean sgrìobhaidh agus cuspairean na bàrdachd. Dh'fhaodadh e a bhith feumail dhut dath a chur air pìosan cudromach agus eisimpleirean de theachdaireachd na bàrdachd. Bhiodh e feumail leth-bhreac den bhàrdachd a bhith agad air an dèan thu notaichean mu na rudan seo. Às dèidh dhut sin a dhèanamh, thèid agad air mion-sgrùdadh agus luachadh a dhèanamh air dè cho soirbheachail 's a bha am bàrd.