Na h-IùdhaichA' beachdachadh air sgeulachd ghoirid

Tha an sgeulachd seo, le Iain Mac a' Ghobhainn, suidhichte aig àm an Dara Cogaidh. Anns an sgeulachd, tha saighdearan Gearmailteach a' toirt air mìltean de dh'Iùdhaich turas trèana a ghabhail, a' toirt a chreidsinn orra gu bheil iad a' dol a dh'àite sàbhailte.

Part ofGàidhligLitreachas

A' beachdachadh air sgeulachd ghoirid

Cùl-fhiosrachadh

Nuair a tha thu a' sgrùdadh sgeulachd ghoirid, tha e cudromach gum bi beachd agad air cùl-fhiosrachadh a' phìos. Tha e feumail ionnsachadh mu bheatha an sgrìobhadair agus cuin a bha iad a' sgrìobhadh oir, uaireannan, bheir seo beachd dhut air na cuspairean agus na teachdaireachdan a tha a' nochdadh san sgeulachd. Dèan rannsachadh air suidheachadh na sgeulachd, mar eisimpleir cuin a tha an sgeulachd a' tachairt is far a bheil i stèidhichte. Cuiridh am fiosrachadh seo ris an tuigse agus an sgrùdadh a nì thu air an sgeulachd.

A' dèanamh ciall den sgeulachd

Mus tòisich thu air geur sgrùdadh na sgeulachd, feumaidh tu a tuigsinn aig ìre litireil. Bu chòir dhut faclair a chleachdadh airson faclan is gnàthasan-cainnt ùra a thuigsinn. Dh'fhaodadh gum biodh e feumail dhut notaichean a dhèanamh mu fhaclan is abairtean ùra gus am bi iad agad nuair a nì thu sgrùdadh.

Sgrùdadh

Nuair a tha thu a' tuigsinn na sgeulachd aig ìre litireil, tha thu deiseil airson sgrùdadh a dhèanamh air na sgilean sgrìobhaidh agus na cuspairean a tha a' nochdadh san sgeulachd. Bhiodh e feumail dathan diofraichte a chur air na sgilean sgrìobhaidh fa leth a tha a' nochdadh san sgeulachd agus notaichean a dhèanamh air mar a tha cuspairean agus teachdaireachd na sgeulachd a' tighinn troimhe. Nuair a tha thu air sin a dhèanamh, tha thu deiseil airson anailis agus luachadh a dhèanamh air dè cho soirbheachail 's a bha an sgrìobhadair ann a bhith a' cur nan rudan seo fa chomhair an leughadair.

Sgeulachd ghoirid, Na h-Iùdhaich

Tha an sgeulachd suidhichte aig àm an Dara Cogaidh. Tha sluagh mòr de dh'Iùdhaich air turas trèana, ach chan eil fios aca dè an ceann-uidhe a tha romhpa. Le eòlas air eachdraidh a' chogaidh, tha fios aig an leughadair dè tha an dàn dhaibh. Ach, chan eil na h-Iùdhaich a' tuigsinn dè tha a' tachairt chun na mionaid mu dheireadh.

Leugh an sgeulachd ghoirid, Na h-Iùdhaich, air an ath dhuilleig.