Na h-IùdhaichNa h-Iùdhaich

Tha an sgeulachd seo, le Iain Mac a' Ghobhainn, suidhichte aig àm an Dara Cogaidh. Anns an sgeulachd, tha saighdearan Gearmailteach a' toirt air mìltean de dh'Iùdhaich turas trèana a ghabhail, a' toirt a chreidsinn orra gu bheil iad a' dol a dh'àite sàbhailte.

Part ofGàidhligLitreachas

Na h-Iùdhaich

Le Iain Mac a' Ghobhainn

Siud mar a thachair e. Fichead mìle Iùdhach air latha fuar geamhraidh. Chaidh an cur air na trèanaichean ann am baile anns a' Ghearmailt. Leig na freiceadain seachad iad 's cha do bhuail duin' ac' iad. 'S ann a bha iad a' gàireachdainn riutha! Chuidich iad feadhainn de na boireannaich len cuid chloinne 's bha na boireannaich cho toilicht 's gun theab iad a dhol air an glùinean riutha mar gum b' e diathan a bh' annta. 'S na saighdearan Gearmailteach air an còmhdach cho brèagha 's cho glan ann an glas: 's iad fhèin làn salchair is sgìths. Thòisich bruidhinn anns na trèanaichean:

"Tha sinn a' dol do dh'Ameireaga. Sin a tha iad ag ràdh."

"Ameireaga?"

"Seadh. Bidh sinn sàbhailt. Tha iad gu math do na h-Iùdhaich ann an Ameireaga."

Sheall tè aca ris an rionnaig bhuidhe air a h-aodach.

"Ameireaga?"

Thòisich cailleach ag èigheach:

"Chan eil mi 'g iarraidh a dhol a dh'Ameireaga."

Sheall iad rithe.

"Nach e 's fheàrr na seo?"

Ach cha robh i airson a dhol a dh'Ameireaga.

"Chan eil càil an sin ach gangsters," dh'èigh i 's thòisich iad a' gàireachdainn. Bha i a' smaoineachadh ceart gu leòr nach robh càil an Ameireaga ach gangsters 's gun deigheadh a murt nan nochdadh i a ceann a-mach air an doras.

"A! Tha i cunnartach. Bidh Al Capone às a dèidh," dh'èigh fear de na h-Iùdhaich.

Bha an trèana a' ruith gu luath seachad air talamh làn sneachda. Bha iad air bàsachadh leis an fhuachd mura bitheadh gun robh uimhir aca ann. Sìos is suas bha na freiceadain Ghearmailteach a' coiseachd, a' bruidhinn 's a' gàireachdainn nan aodach airgid.

Dh'fhaighnich fear dhaibh an ann a dh'Ameireaga a bha iad a' dol. 'S e duine beag trang a bh' ann mar a chì duine air Committee. Thog e a cheann ris a' Ghearmailteach mar chearc. "Ameireaga?" Thòisich e a' gàireachdainn. "Tha sibh a' dol a dh'àite nas fheàrr na sin." Theab an t-Iùdhach suathadh ann ach ghluais am freiceadan air falbh. Thionndaidh an t-Iùdhach ris a' chòrr.

"An cuala sibh siud? Chan eil sinn a' dol a dh'Ameireaga idir. Nach do dh'inns mi siud dhuibh." Cha robh dragh aige càit an robh iad a' dol fhad 's a bha e fhèin ceart. Shuidh e sìos 's mu dheireadh thuirt e:

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn a' dol a Phòland. Tha mòran talmhainn ann am Pòland." Cha do smaoinich duin' aca faighneachd don Ghearmailteach an ann do Phòland a bha iad a' dol, ach shuidh iad ag èisteachd ris an duine bheag. Ann am mionaid thòisich a h-uile duine ag ràdh gun robh iad a' dol a Phòland. Bha an t-Iùdhach beag a' sealltainn a-mach air an uinneig mar gum b' ann leis fhèin a bha an trèana 's gur e fhèin fear treòrachaidh an t-sluaigh. Ach cha robh càil ri fhaicinn ach sneachd 's an trèana a' ruith tarsainn air gun sgìths. Mu dheireadh thuit a' chuid mhòr nan cadal mar gum biodh iad a-nis cofhurtail nan inntinn. Chitheadh duine tè le leanabh aig a broilleach no fear a' tionndadh na chadal 's a' bruidhinn ris fhèin. An-dràsta 's a-rithist shealladh freiceadan a-steach air an doras no chitheadh iad an fhaileas aige anns a' ghlainne.

Trì làithean 's trì oidhcheannan lean an trèana oirre tarsainn an t-sneachda. Bha biadh aca a thug iad leotha. Aig an toiseach bha iad a' cuideachadh a chèile ach mu dheireadh, a' smaoineachadh gum biodh iad ceart gu leòr, cha robh iad cho fialaidh. 'S air an oidhche bhiodh dhà no trì a' sabaist airson barrachd rùm 's na freiceadain gan coimhead: ach cha robh iad ag ràdh smid. Bha dithis no thriùir a' tairgsinn bìdh do na Gearmailtich ach cha ghabhadh iad e.

"Nach e Pòland a tha fad às!" bha iad ag ràdh ri chèile. Ach bhiodh na màthraichean ag innse sgeulachdan don chloinn mu dheidhinn Phòland 's na fèidh 's na daoine-sneachda, cho bòidheach 's a bha iad, 's thuiteadh a' chlann nan cadal, ag èisteachd.

Air a' cheathramh latha stad an trèana. Sheas iad le pian 's sheall iad a-mach. Timcheall orra bha mìltean de mhìltean de shneachd agus taigh mòr geal coltach ri taigh-eiridinn. Aon rud, cha robh mòran uinneagan ann, ach bha e ùr is àrd am meadhan an t-sneachda.

"A-mach!" dh'èigh na freiceadain. Ruith iad a-mach, oir bha eagal orra gun dèanadh iad na Gearmailtich fiadhaich 's sheas iad ann an solas an t-sneachda. Dhòirt iad tro gheata mòr. Air beulaibh an taighe bha Gearmailtich a' feitheamh. Stiùir iad na h-Iùdhaich gus an robh iad nan seasamh air beulaibh an taigh mhòir. Bha ceòl a' tighinn a-mach às an taigh – ceòl dannsa. Thòisich feadhainn den chloinn a' danns' beag leotha fhèin is sheall am màthraichean orra le gaol. Oir bha an ceòl uabhasach aotrom –'s ann a theab iad fhèin danns'!

Bha an guth Gearmailteach a' bruidhinn: "Fàilte. Tha sinn an dòchas gum bi sibh toilicht' an seo. Ach a' chiad rud, bu mhath leam na boireannaich a dhol do aon taobh 's na fireannaich don taobh eile."

Sheall iad ri chèile.

"Cha leig a leas eagal a bhith oirbh. 'S ann a tha sinn ach gun nigh sibh sibh fhèin. No am bi an duine 's a bhean gan nighe fhèin còmhla am measg nan Iùdhach?" Thòisich iad a' gàireachdainn. Nach e an Gearmailteach a bha geur! 'S an ceòl, nach e bha bòidheach! Ceart gu leòr, bha iad fhèin salach 's bhiodh e gu math nan glanadh iad iad fhèin. Seall cho glan 's a bha na Gearmailtich! Am measg gàireachdainn, chaidh na boireannaich do an aon taobh 's na fireannaich do thaobh eile. Bha an ceòl a' dol gun sgur, an ceòl dannsa. Cha b' e Beethoven a bh' ann, 's bha sin cho math. B' fheàrr leothasan ceòl dannsa na Beethoven.

Mu an coinneamh bha dà dhoras mòr. Nuair a thigeadh iad a-mach bhiodh iad glan, cho glan ris na Gearmailtich fhèin, cho glan ris an t-sneachd. 'S bha iad cho sgìth cuideachd, a' ruith gun sgur, is aodannan nàimhdeil timcheall orra. Chan fhaigheadh iad an cadal fhèin gun fhios nach tigeadh an gnog chun an dorais. Ach cha robh na Gearmailtich seo cho dona 's a bha dùil aca. Bha iad a' gàireachdainn 's a' bruidhinn am measg a chèile. 'S nach iad a bha maiseach is òg nan aodach airgideach. Cha robh fiù nach robh a' chlann-nighean a' toirt sùil orra!

'S cinnteach nach robh feadhainn aca mòran a bharrachd air ochd-deug. Mura bitheadh cho sgìth 's a bha iad, 's ann a dh'fhaodadh iad danns'!

Lean an dà shreath orra chun an dà dhoras, a bha fosgailte mu an coinneamh. A' gàireachdainn am measg a chèile chuir iad dhiubh an aodach, na boireannaich a' coimhead ri chèile. Bha dhà no trì ann a bha bòidheach, ach airson a' chòrr ... 'S an fheadhainn a bha bòidheach, bha fhios aca air cuideachd!

"E," dh'èigh tè aost', "nuair a thogas iad seachdnar chloinne cha bhi iad cho bòidheach."

Bha iad uile a-nis gun aodach. Dh'fhosgail doras eile 's dhùin e air an cùlaibh. Bha iad a' sealltainn ri chèile air làr màrbail, cuid le eu-dòchas is cuid le àrdan nuair a thàinig an gas. Thòisich iad a' sabaist am measg a chèile airson faighinn a-mach. Cha robh tè aca cho làidir ris an tè leis an t-seachdnar chloinne. Thòisich iad a' bualadh air an doras 's a' slaodadh a chèile ach bha an doras dùinte. An ceann ùine thòisich iad a' tuiteam, gach aon gun aodach, am measg a chèile, 's na cuirp a' leum am meadhan a' chiùil mar gum b' ann a' danns' a bha iad.

Bho EADAR dà SGEUL, Sgeulachdan goirid aig ìre àrd-sgoile, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, 2010