Cuspairean anns an sgeulachd ghoirid, Na h-Iùdhaich
Gràin is Cogadh
Tha na gnìomhan olc a tha a' nochdadh san sgeulachd seo a' tachairt air sgàth na gràin a bh' aig na Nadsaidhich air na h-Iùdhaich, is tha fios aig an leughadair gun do thachair rudan mar seo dha-rìribh aig àm a' chogaidh. Tha na Nadsaidhich a' dèanamh droch dhìol a tha do-chreidsinneach air na h-Iùdhaich, is tha seo a' toirt air an leughadair a bhith a' smaoineachadh mun chron agus mun chunnart a tha an lùib gràin-cinnidh is gràin-creideimh. Tha na cuspairean seo fhathast buntainneach san latha an-diugh agus tha an sgeulachd a' toirt aire an leughadair gu na cogaidhean a tha a' dol san latha an-diugh is na droch rudan a tha a' tachairt mar thoradh orra.
Neoichiontachd
Tha an dòigh sa bheil na h-Iùdhaich air an dealbhachadh san sgeulachd seo a' togail cheistean mun dòigh san tèid dèiligeadh ri daoine a tha neoichiontach ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte. Cha do rinn na h-Iùdhaich càil ceàrr, is tha sin a' toirt oirnn smaoineachadh air mar a tha daoine neoichiontach a' fulang nuair a tha cogadh ann, is mar a bhios daoine cumhachdach a' gabhail brath air daoine neoichiontach.
Tròcair agus moraltachd
A rèir na tha a' tachairt san sgeulachd, tha na Nadsaidhich gun tròcair sam bith. Tha iad a' dèanamh droch dhìol air na h-Iùdhaich gun chogais is tha seo a' toirt air an leughadair smaointinn mun bhuaidh a tha cogadh a' toirt air moraltachd agus beusan dhaoine.
Earbsa agus mealladh
Tha an sgeulachd a' togail air an dòigh sam bi sinn a' cur earbsa ann an daoine aig a bheil ùghdarras. Tha na h-Iùdhaich a' toirt spèis dha na Nadsaidhich air sgàth 's gu bheil èideadh spaideil orra:
Seall cho glan 's a bha na Gearmailtich!
Chithear cuspairean saidhg-eòlach a' togail ceann san sgeulachd seo, far a bheil an dòigh ghiùlan agus an t-aodach a tha air na Nadsaidhich a' toirt buaidh air a' mheas agus an earbsa a tha na saighdearan seo a' cosnadh mar thoradh air an coltas, ged a tha na Nadsaidhich a' mealladh nan Iùdhach.