Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Na h-IùdhaichCeistean 9-12 le freagairtean

Tha an sgeulachd seo, le Iain Mac a' Ghobhainn, suidhichte aig àm an Dara Cogaidh. Anns an sgeulachd, tha saighdearan Gearmailteach a' toirt air mìltean de dh'Iùdhaich turas trèana a ghabhail, a' toirt a chreidsinn orra gu bheil iad a' dol a dh'àite sàbhailte.

Part ofGàidhligLitreachas

Ceistean is freagairtean air sgeulachd ghoirid, Na h-Iùdhaich

Question

5. Timcheall orra bha mìltean de mhìltean de shneachd agus taigh mòr geal coltach ri taigh-eiridinn.

Dè cho soirbheachail 's a tha an t-ùghdar ann a bhith a' cleachdadh ìomhaigheachd dhathan sa phàirt seo dhen sgeulachd?

Question

6. Leugh bho Bha ceòl a' tighinn a-mach às an taigh... gu 's ann a theab iad fhèin danns!

Carson, nad bheachd-sa, a tha an sgrìobhadair a' toirt iomradh air ceòl is dannsa anns a' phàirt seo den sgeulachd?

Question

7. Nuair a thigeadh iad a-mach bhiodh iad glan, cho glan ris na Gearmailtich fhèin, cho glan ris an t-sneachd.

Carson a tha ìoranas ri fhaicinn san earrainn seo?

Question

8. Tha an sgrìobhadair a' cleachdadh nan dathan airgead agus glas gu tric nuair a tha e a' cur an cèill coltas nan saighdearan. Beachdaich air carson a thagh e na dathan sin.