Sgilean sgrìobhaidh anns an sgeulachd, Na h-Iùdhaich
Conaltradh nan caractaran
Tha Mac a' Ghobhainn a' cleachdadh conaltradh nan caractaran airson barrachd innse dhuinn mu am pearsantachdan. Aig toiseach na sgeulachd, tha na h-Iùdhaich dòchasach agus neoichiontach:
Tha sinn a' dol do dh'Ameireaga. Sin a tha iad ag ràdh.
Chì an leughadair nach eil na h-Iùdhaich idir mothachail air na tha an dàn dhaibh is tha e follaiseach gu bheil iad a' cur earbsa sna saighdearan.
Tha dòigh bruidhinn nan Nadsaidhean a' toirt beachd dhan leughadair air cò ris a tha iad coltach. Nuair a tha iad a' bruidhinn ris na h-Iùdhaich, tha iad a' toirt a chreidsinn gu bheil iad còir:
Fàilte. Tha sinn an dòchas gum bi sibh toilicht' an seo.
Chan eil na Nadsaidhich a' leigeil orra gu bheil iad an dùil na h-Iùdhaich a mharbhadh. Tha an leughadair a' faicinn, aig deireadh na sgeulachd, cho neo-thròcaireach agus olc 's a tha na Nadsaidhich.
Ìoranas
Tha ìoranas a' ruith tron sgeulachd air fad, leis gu bheil fios aig an leughadair dè tha a' dol a thachairt ri na h-Iùdhaich, ach chan eil fios acasan idir. Nuair a tha aon dhe na h-Iùdhaich a' faighneachd mun cheann-uidhe aca, tha an saighdear a' freagairt:
'Ameireaga?' Thòisich e a' gàireachdainn. 'Tha sibh a' dol a dh'àite nas fheàrr na sin.'
Tha an neoichiontachd seo a' dùsgadh tuilleadh truais san leughadair a chionn 's nach eil na h-Iùdhaich an dùil gu bheil na Nadsaidhich a' dol gam marbhadh – 's ann a tha iad an dùil gu bheil adhbharan dòchais ann dhaibh.
Ìomhaigheachd
Tha ìomhaigheachd air a cleachdadh gu tric tron sgeulachd, gu h-àraidh ìomhaigheachd co-cheangailte ri ceòl agus an t-sìde, mar eisimpleir:
Ach cha robh càil ri fhaicinn ach sneachd 's an trèana a' ruith tarsainn air gun sgìths.
Tha an sneachd a' cur ris an fhuachd a tha a' ruith tron sgeulachd, an dà chuid fuachd na sìde agus cho fuar 's a tha na Nadsaidhich nam faireachdainnean. Tha an dòigh sa bheil iad a' dèiligeadh ri na h-Iùdhaich cruaidh agus an-iochdmhor.
Tha dathan cudromach san sgeulachd, mar eisimpleir dath nan èididhean Nadsaidheach. Tha Mac a' Ghobhainn a' cur ri caractarachd nan daoine seo le bhith a' ceangal dath riutha a tha a' riochdachadh fuachd agus dìth faireachdainn.
Samhlaidhean
Tha an sgrìobhadair a' cur shamhlaidhean gu feum san sgeulachd airson tuilleadh innse dhuinn mu na rudan a tha a' tachairt agus na dàimhean a tha eadar na caractaran. Tha seo a' tighinn am follais sna còmhraidhean eadar na h-Iùdhaich agus na Nadsaidhich, mar eisimpleir:
Thog e a cheann ris a' Ghearmailteach mar chearc.
Tha samhlaidhean mar seo a' cur an cèill suidheachadh far a bheil làn smachd aig na Nadsaidhich, is na h-Iùdhaich mar bheathaichean a tha an urra riutha. Tha Mac a' Ghobhainn a' cleachdadh shamhlaidhean corra uair san sgeulachd agus ag innse tòrr dhuinn ann am beagan fhaclan.
Tòna
Ged a tha fios aig an leughadair gu bheil na h-Iùdhaich ann am fìor dhroch shuidheachadh bho thoiseach na sgeulachd, tha dìth tuigse nan Iùdhach mun t-suidheachaidh sa bheil iad a' ciallachadh gu bheil tòna toilichte is dòchasach a' ruith tron sgeulachd, fiù 's nuair a tha iad a' coiseachd a-steach dhan t-seòmar far an tèid am marbhadh:
A' gàireachdainn am measg a chèile chuir iad dhiubh an aodach, na boireannaich a' coimhead ri chèile.
Tha an tòna seo ag atharrachadh gu grad sa pharagraf mu dheireadh nuair a tha iad a' mothachadh na tha a' tachairt riutha. A dh'aindeoin 's gu bheil fios aig an leughadair dè tha an dàn dhaibh, tha am paragraf mu dheireadh nas brònaiche buileach air sgàth an tòna shona a bha air a bhith anns a' chòrr den sgeulachd.