Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Na h-IùdhaichCeistean 9-12 le freagairtean

Tha an sgeulachd seo, le Iain Mac a' Ghobhainn, suidhichte aig àm an Dara Cogaidh. Anns an sgeulachd, tha saighdearan Gearmailteach a' toirt air mìltean de dh'Iùdhaich turas trèana a ghabhail, a' toirt a chreidsinn orra gu bheil iad a' dol a dh'àite sàbhailte.

Part ofGàidhligLitreachas

Ceistean is freagairtean air sgeulachd ghoirid, Na h-Iùdhaich

Question

1. Leugh paragraf a h-aon a-rithist. Cuin a tha an sgeulachd seo suidhichte? Thoir seachad adhbharan airson do bheachd.

Question

2. 's bha na boireannaich cho toilicht 's gun theab iad a dhol air an glùinean riutha mar gum b' e diathan a bh' annta.

Seall mar a tha an sgrìobhadair a' cleachdadh ìoranas gu h-èifeachdach san earrainn seo.

Question

3. Seall mar a tha Mac a' Ghobhainn a' cleachdadh conaltradh nan caractaran airson faireachdainnean nan Iùdhach a chur an cèill nuair a tha an turas aca a' tòiseachadh.

Question

4. Bha dithis no thriùir a' tairgsinn bìdh do na Gearmailtich ach cha ghabhadh iad e.

Carson a tha Mac a' Ghobhainn soirbheachail ann a bhith a' dùsgadh truas san leughadair san às-earrainn seo?