Sgilean sgrìobhaidh ann an An Taigh-tasgaidh 's an Leabhar
Stoidhle
Tha am pìos seo air a sgrìobhadh san nòs ùr. Tha saor-rannaigheachd ri fhaicinn sa chiad dà rann. Ach, tha am bàrd air structar nas traidiseanta a chleachdadh san dà rann mu dheireadh, anns a bheil comhardadh agus ruitheam cunbhalach.
Structar
Bhon as e saor-rannaigheachd a th' anns a' mhòr-chuid dhen bhàrdachd, tha diofar mòr eadar faid nan loidhnichean agus nan rannan.
Tha NicGumaraid air faid nan loidhnichean a chleachdadh airson cuideam a chur air faclan agus abairtean sònraichte.
Tha iomsgaradh ann eadar a' chiad dà rann agus an dà rann mu dheireadh, oir tha structar agus ruitheam cunbhalach ann an rannan 3 is 4, an taca ris a' chiad dà rann sa bheil saor-rannaigheachd.
Fuaim agus ruitheam
Tha a' bhàrdachd seo stèidhichte air smuaintean a' bhàird agus tha e mar gu bheil na loidhnichean a' riochdachadh a smuaintean a' tighinn a-steach oirre.
Tha an ruitheam briste gu math tric le beachdan sònraichte agus loidhnichean glè ghoirid.
Tha an ruitheam siùbhlach san dà rann mu dheireadh nas coltaiche ri bàrdachd thraidiseanta. Tha seo a' toirt oirnn smaoineachadh gu bheil am bàrd cinnteach mu na beachdan a tha i a' togail aig an deireadh.
Tòna
Tha aithreachas ri fhaicinn ann an tòna a' phìos, ach cuideachd cinnt. Tha ath-aithris aig toiseach gach rann (Feumaidh mi
) a tha a' dearbhadh gu bheil faireachdainnean làidir aig NicGumaraid mu dheidhinn nan rudan air a bheil i a' bruidhinn. Tha am bàrd a' smaoineachadh mu a beatha fhèin agus mar a tha an ceangal a th' aice ri a cultar agus a h-eachdraidh ann an cunnart falbh. Tha e follaiseach nach eil i toilichte mu a h-eachdraidh a bhith a' dol à cuimhne agus gu bheil aithreachas oirre nach do ghabh i an cothrom ionnsachadh bho a sean-phàrantan.
Cànan agus ìomhaigheachd
Tha NicGumaraid a' cleachdadh ìomhaigheachd agus cànan co-cheangailte ri dòigh-beatha a sinnsirean, me duslach an fheòir
agus an sabhal.
Tha am bàrd cuideachd a' togail air sguab
. Tha seo a' cur ri ìomhaigheachd na bàrdachd agus mar a tha na rudan air a bheil i a' bruidhinn gan sguabadh air falbh.
A thuilleadh air a sin, tha i a' tòiseachadh gach rann le na faclan Feumaidh mi
. Tha an ath-aithris seo a' sealltainn gu bheil am bàrd diombach nach do ghabh i an cothrom ionnsachadh mu a h-eachdraidh agus a cultar bho a sinnsirean fhèin, is tha aithreachas oirre mu dheidhinn sin.
Tha feum aice a-nis air taigh-tasgaidh agus leabhar, seach a bhith a' cur eòlas air a h-eachdraidh bho dhaoine a bha beò innte. Cha bhi duslach an fheòir
oirre a-nis – mar a bhiodh nuair a bha a sean-phàrantan ann – nuair a choimheadas i air an eachdraidh seo san taigh-tasgaidh agus san leabhar. Tha e coltach gum bi am bàrd a' tighinn bho shuidheachadh diofraichte a-nis; suidheachadh nach eil cho faisg no freumhaichte sa chultar.