Buidhnean county lines "ag amas air boireannaich so-leònta"

- Air fhoillseachadh
Thuirt àrd-phoileas gu bheil buidhnean dhrugaichgean county lines ag amas air boireannaich so-leònta air Ghàidhealtachd agus a' cleachdadh an dachannan airson drugaichean a reic.
Bha an Detective Chief Inspector Craig Still ag ràdh gu bheil an eucoir seo a' toirt buaidh mhòir air an sgìre, ach gu bheil beagan soirbheachais air a bhith aca a' cur bacadh air na buidhnean.
Tha Poileas Alba air 6,300 pacaid bheag de chrack cocaine fhaighinn thairis air a' bhliadhna mu dheireadh.
Cha robh an druga sin, a tha dona gu bhith a' faighinn grèim air daoine, idir cumanta air Ghàidhealtachd gu bho chionn ghoirid.
Tha an Detective Chief Inspector Still ag ràdh gu bheil na buidhnean county lines seòlta nuair a thig e gu boireannaich a thaghadh.
Bha e ag ràdh gur e boireannaich so-leònta a thaghas iad agus shamhlaich e an rud a bhios iad a' dèanamh ri dochann san dachaigh.
Thuirt e cuideachd gum bi iad tric a' toirt dhrugaichean is phrèaseantan dhaibh an toiseach.