Iomairt mhòr an aghaidh county lines air Ghàidhealtachd

Oifigearan poilis a' briseadh a-steach gu taigh cuideigin fo amharas dèiligeadh ri drugaichean
  • Air fhoillseachadh

Chuir na Poilis 16 duine an grèim 's seachdnar fo chasaid 's iad ag amas air 12 buidheann eucoir ann an Inbhir Nis ann an iomairtean an aghaidh gheangannan drugaichean county lines.

Bha Iomairt Silentridge na phàirt de dh'obair air feadh na h-Alba eadar am Faoilleach, an Gearran agus am Màrt san deach 43 duine a chur an grèim agus 38 duine so-leònte - naoinear phàistean nam measg - a thoirt gu sàbhailteachd.

Seo agus aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh a' sealltainn gun robh 15% a bharrachd de dhrugaichean rim faighinn an Alba eadar an Giblean 's an Dùbhlachd 2025.

Chaidh cuideachd luach còrr air £900,000 de dhrugaichean mì-laghail a chur an grèim feadh na h-Alba anns na trì mìosan bho thoiseach na bliadhna seo.

A thuilleadh air sin chaidh còrr air £33,457 ann an airgead pronn a thoirt an grèim, le 12 ball-airm.

Chaidh luchd-naidheachd bhon BhBC còmhla ri oifigearan poilis nuair a rinn iad rèidean air taighean dhaoine fo amharas gu bheil iad an sàs ann an eucoir dhrugaichean air a' Ghàidhealtachd.

Oifigearan poilis an sàs ann an rèid air taigh cuideigin fo amharas gu bheil iad an sàs an obair dhrugaichean
Fo-thiotal an deilbh,

Bhris oifigearan a-steach do thogalach ann an Inbhir Nis agus iad a' tighinn cruaidh air daoine fo amharas eucoir dhrugaichean 'county lines' an Inbhir Nis

'S iad buidhnean county lines lìonraidhean eucoir a sgaoileas drugaichean mì-laghail bho bhailtean mòra gu bailtean nas lugha agus sgìrean dùthchail airson a' phrothaid as motha as urrainn dhaibh a dhèanamh.

Bidh na geangannan a' co-èigneachadh cloinne agus inbheach so-leònte gus na drugaichean agus airgead a ghiùlain 's a stòradh.

"Tha mi a' cur fàilte air deagh bhuil iomairt nam Poileas tro Sheachdain Daingneachaidh County Lines, a th' air cuideachadh gus grunn daoine so-leònte a thoirt gu sàbhailteachd," thuirt Rùnaire a' Cheartais, Angela Constance.

"Tha e mì-chiotach gum bi eucoirich eagraichte a' feuchainn ri prothaid a dhèanamh le bhith a' co-èigneachadh 's a' gabhail brath air daoine so-leònte, agus tha an iomairt seo a' toirt teachdaireachd shoilleir dhaibh gun gluaisear gus bacadh a chur air na h-eucoirean seo."

Thuirt na Poilis gu bheil aithrisean on phoball gu h-àraid cudromach airson fios a chur orra.

Dh'iarr iad air duine sam bith le dragh no fiosrachadh mu chounty lines fios a chur air Poileas Alba air 101, no 999 ma tha èiginn ann.

Faodar cuideachd fios a chur gun urra tron bhuidhinn charthannais neo-eisimeilich Crimestoppers air 0800 555 111.