Dùbhlan ùr ro sgioba Leòdhais is na Hearadh

- Air fhoillseachadh
Tha sgioba ball-coise thaghte Leòdhais is na Hearadh gu bhith a' cluiche ann am farpais ùr Disathairne.
Thèid an 'select' an aghaidh sgioba bho lìog Fìobha ann am farpais an Scottish Amateur FA Inter League Trophy, agus an geama gu bhith air a chluich aig Pàirc East Fife, Bayview.
Bha còir aig iomairt sgioba Leòdhais is na Hearadh tòiseachadh bho chionn cola-deug, ach chaidh an geama an aghaidh sgioba à Glaschu a chur dheth.
Ged nach e farpais ùr a th' ann idir, seo a' chiad turas a bhios Leòdhas is na Hearadh a' gabhail pàirt ann agus chan eil dearbhadh aca air dè dìreach an ìre aig am bi sgioba 'Rìoghachd Fìobha.'

Manaidsear sgioba Leòdhais is na Hearadh, Colin George Moireasdan
Tha am manaidsear, Colin George Moireasdan, ag ràdh gu bheil mòran a bharrachd sluaigh am Fìobha an taca ri Leòdhas is na Hearadh, ach nach robh e a' coimhead cus air na h-àireamhan.
"Aig deireadh an là, 11 an aghaidh 11 a th' ann Disathairne agus tha mi dìreach an dòchas gun dèan na balaich an dìcheall agus ma sheallas iad an rud a tha iad air a bhith a' sealltain dhuinne thairis air na mìosan a chàidh seachad, nì sinn ceart gu leòr," thuirt e.
Tha a' bhuidheann air a bhith a' treànadh còmhla fad mhìosan a-nise, aig àm far am b' àibhaist cùisean a bhith sàmhach do chluicheadaran nan Eilean Siar.
Chan eil aire air tionndadh chun nan lìogan neo na cupannan Eileanach buileach fhathast, ach tha geamannan leithid seo a' toirt cothroim do dhaoine cluiche ri taobh chluicheadairean a tha gu bhith nan aghaidh nuair a thòiseachas an seusan.
Tha eòlas aig Luke MacAoidh a bhith a' cluiche san sgioba thaghte ann am farpaisean eile, agus tha e air a bhith a' cluiche do sgioba nan Eilean Siar aig Geamannan nan Eilean thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh cuideachd.
Cluichidh e don Taobh Siar 'aig an taigh' agus tha seusan an Lìog Chailleanaich a Tuath air a chumail trang le Inverness Athletic cuideachd.
Le na tha siud de gheamannan, bhiodh feadhainn ag iarraidh fois, ach tha a' chùis a' còrdadh ris a' chluicheadair-aghaidh.
"Tha e math nuair a tha a h-uile duine a' tighinn còmhla ri chèile agus tha faireachdainn math anns an sgioba.
"Eadar na diofar sgiobaidhean chan eil daoine ann nach eil a' faighinn air adhart còmhla. Tha a h-uile duine a' faighinn air adhart glè mhath agus a' cluiche math còmhla ri chèile," thuirt e.

Colin George agus coidse an sguad, Scott Greumach.
Chan eil ceist ann gur e uallach a th' ann do na cluicheadaran an ùine fhaighinn airson an treànaidh agus an t-siubhail, ach a rèir coidse an sguad, Scott Greumach, tha iad air seasamh ri gach dùbhlan a tha a' nochdadh le bhith a' treànadh sa gheamhradh - rud a bha follaiseach air oidhche gharbh ann an Steòrnabhagh.
Thuirt e: "Tha na balaich fhathast a' tighinn a h-uile h-oidhche, tha sin uabhasach math.
"Rud eile, tha sinn a' falbh madainn Disathairne agus tha sinn air an aiseag agus an uairsin air bus fad an là agus an uairsin feumaidh sinn na balaich fhaighinn air am blàthachadh agus deiseil nuair a shèideas an fheadag aig toiseach a' gheama.
"Bidh sin duilich ach tha sinn a' coimhead air adhart ris."
Gheibh iad a-mach aig 6:00f Disathairne dè an ìre aig a bheil Lìog Fìobha, ach tha e a cheart cho cudromach do bhalaich Leòdhais is na Hearadh sealltain dè an ìre aig a bheil an lìog acasan.