Taighean ùra Ratharsair

Tha na còig taighean air an aon làraich
- Air fhoillseachadh
Chaidh iuchraichean do chòig taighean ùra air màl a thoirt seachad aig cuirm ann an Ratharsair Diciadain.
Thogar na taighean le compàirteachas eadar Urras Leasachaidh Ratharsair, Comann Taigheadais Loch Aillse 's an Eilein Sgitheanaich agus Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan - sgeama a chosg £1.38m uile gu lèir.
Chaidh trì de na taighean a thogail do dh'Urras Leasachaidh Ratharsair (RDT) agus na dhà eile do Chomann Taigheadais Loch Allise 's an Eilein Sgitheanaich (LSHA).
Chaidh an togail le Luchd-togail Sheumais MhicCuithein agus 's iad seo na ciad taighean air màl reusanta a chaidh a thogail le LSHA san eilean ann an còrr is deich bliadhna.

Tha Fiona Nic'Illinnein air a dòigh gu bheil i a-nis a' fuireach ann an taigh seach pod
Tha cion taigheadais air a bhith na dhuigheadas ann an Ratharsair fad iomadh bliadhna - gu h-àraid taighean a tha rim faighinn air màl.
'S i Fiona Nic'Illinnein tè de na màladairean ùra.
Tha ceangal teaghlaich aice ris an eilean agus ghluais i ann bho chionn dà bhliadhna airson obair ann an Taigh Mòr Ratharsair.
Ach chan eil gnothaichean air a bhith furasta dhi 's i air a bhith a' fuireach ann am pod.
Bha i air a dòigh Diciadain agus i am measg an fheadhainn a fhuair iuchraichean fear de thaighean LSHA.
"Tha mi cho toilichte. Tha taigh agam. Fhuair mi na h-iuchraichean an-diugh agus chuir mi m' ainm ris na pàipearan."

Chuir John Willie Mac'IllÌosa bho Chluba Chaorach Cheann a Tuath Ratharsair fàilte air na taighean ùra
Thàinig an talamh air an deach na taighean a thogail bho Chluba Chaorach Cheann a Tuath Ratharsair.
Reic iadsan an talamh a bha a dhìth ri Urras Leasachaidh Ratharsair ann an 2020 agus iad ag aithneachadh gun robh iarrtas mòr ann airson taigheadais.
Thuirt John Willie Mac'IllÌosa, a tha na chathraiche air a' chluba: "Nì e diofar mòr, gu h-àraid tha dòrlach òigridh san eilean an-diugh agus chan eil e soirbh dha òigridh.
"Chan eil an t-airgead aca airson taighean a thogail agus tha e nas fhasa taighean fhaighinn mar seo."
Tha Taigh Mòr Ratharsair am measg nan gnothachasan san eilean a tha a' strì àitichean fuirich fhaighinn dhan luchd-obrach agus tha e na bhuannachd do na gnothachasan agus leithid Fiona gu bheil na taighean seo ann.
"Bha mi a' smaoineachadh mura faighinn taigh gur dòcha nach bithinn ann an seo geamhradh eile oir tha e dìreach cho fuar nuair nach eil taigh àbhaisteach agad.
"Le sin tha e uabhasach math gu bheil 'air heat source pump' againn agus tha iad ùr. Bidh e uabhasach math," thuirt i.
Tha Fiona cuideachd eòlach air na daoine a tha a' gluasad a-steach dha na ceithir taighean eile.
"Tha iad uile òg. Tha a' mhòr-chuid ag obair aig Taigh-staile Ratharsair shuas an rathad agus tha aonan ag obair aig an talla choimhearsnachd agus tha mise ag obair aig Taigh Mòr Ratharsair.
"'S le sin tha sinn uile ag obair san eilean agus bha feum againn uile air taighean," thuirt i.

'S ann le Comann Taigheadais Loch Aillse agus an Eilein Sgitheanaich a tha an dà thaigh seo.
Ach tha iarrtas ann fhathast. A rèir sgrùdaidh a rinnear an-uiridh bha còrr is 20% de shluagh an eilein a’ lorg àite-fuirich.
Tha planaichean ann airson tuilleadh thaighean.
Fhuair Buidheann Taigheadais Loch Aillse agus an Eilein Sgitheanaich - le taic bho Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd - sealbh air pìos fearainn bho chionn ghoirid agus tha iad airson sia taighean eile a thogail ann an sin a bhios ri fhaighinn air màl reusanta.

A rèir John Willie Mhic'IllÌosa dh'fhaodadh cothroman eile a bhith ann talamh fhaighinn - ma bhios iarrtas ann.
"Tha talamh againn a bhiodh feumail. Nam biodh feum air tha talamh againn nach eil uabhasach math airson a bhith a' cumail chaorach, agus air an làimh eile tha talamh gu leòr againn.
"Tha 7,000 acaire de thalamh monaidh againn mar sin agus nam biodh feum air, agus nam biodh daoine sa chluba deònach a dhèanamh, 's dòcha gum biodh cothrom ann uaireigin talamh eile a thoirt seachad no a reic - a rèir 's dè am feum a th' againn air an airgead ceart gu leòr.
"Tha an doras fosgailte fad an t-siubhail. Feumaidh e a bhith," thuirt e.

Tha na trì taighean seo le Urras Leasachaidh Ratharsair