Cead-dealbhachaidh ga iarraidh airson Spiorad na Mara

Sealladh air a' mhuir far chosta Leòdhais far am biodh an tuath-gaoithe air a thogail
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh a' chompanaidh Northland Power gu bheil iad air tagradh oifigeil a dhèanamh airson cead-dealbhachaidh 'son tuath-gaoithe mòr, connspaideach a tha iad airson togail far chosta siar Eilean Leòdhais.

Tha na planaichean airson leasachadh Spiorad na Mara a' sùileachadh eadar 44 crann cho àrd ri 338.4m, no 60 crann cho àrd ri 293.8m.

Thigeadh an dealan air tìr tuath air Barabhas.

Bhiodh an crann as fhaisge co-dhiù 6 cilemeatair air falbh bhon chosta, ged a tha an tagradh-dealbhachaidh, taobh a-muigh ag aideachadh gum bidh buaidh mhòr aig an leasachadh air an t-sealladh aig coimhearsnachdan air taobh siar Leòdhais.

Tha an tagradh, a bhios a-nise fon phrosbaig aig Roinn Mara Riaghaltas na h-Alba, a' dèiligeadh ris an obair air fad a bhiodh aig muir.

Bidh tagradh fa leth ann a thaobh na h-obrach a bhiodh ann air tìr.

Tha Northland ag ràdh gu bheil dùil gun tèid sin a chur air beulaibh Comhairle nan Eilean Siar anns na mìosan ri thighinn.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gum biodh e comasach dhan leasachadh 900MW de dhealan a chruthachadh agus cumhachd a chumail ri 1.2 millean dachaigh.

Tha na planaichean air connspaid mhòr adhbhrachadh ann an Leòdhas.

Tha feadhainn sa choimhearsnachd air dragh mòr a thogail mun bhuaidh a bheireadh an obair air an sgìre is air coltas an àite air a' cheann thall.

Chuala coinneamhan poblach an-uiridh beachd bho chuid gum biodh a' bhuaidh air an sgìre cus ro mhòr airson buannachd sam bith a thigeadh às a thaobh chosnaidhean is taic-airgid.

Tha Northland Power ag ràdh gu bheil iad air measaidhean teicnigeach is àrainneachdail a dhèanamh thairis air grunn bhliadhnaicheam, a thuilleadh air co-chomhairleachadh fharsaing aig ìre na coimhearsnachd.

A bharrachd air na pàipearan fhaicinn air-loidhne, faodar sùil a thoirt air an tagradh-dealbhachaidh aig Leabharlann Steòrnabhaigh, Companaidh Leasachaidh Horsiadar, is aig Ionad Coimhearsnachd Chàrlabhaigh.