Thuirt Cowie gur ann a chùm maith Ross County a tha e gam fàgail

- Air fhoillseachadh
Dh'fhàg Don Cowie a dhreuchd mar mhanaidsear Ross County agus thuirt e gun do dh'aontaich e fhèin agus am bòrd gur e an rud a b' fheàrr dhan chluba.
Chan eil County, a chaidh a chur às a' Phrìomh Lìg an dèidh play off le Baile Dhùn Lèibhe sa Chèitean, air geama a bhuannachadh san lìog air an t-seusan seo is chaill iad ri Partick Thistle Disathairne.
B' e sin a dh'fhàg gun do dh'fhalbh Cowie, a chaidh na mhanaidsear bho chionn beagan agus bliadhna, an dèidh dha a bhith aig an stiùir gu h-eadar-amail ron sin.
"Gu mì-fhortanach, cha do thòisich an seusan Championshiop aig an ìre ris an robh dùil againn," thuirt e.
"An dèidh chòmhraidhean leis a' bhòrd, tha sinn uile air aontachadh gur e an rud as fheàrr dhan chluba ma dh'fhalbhas mi.
"Tha mi a' creidsinn gu bheil na cluicheadairean comasach air faighinn air ais dhan Phrìomh Lìg agus tha mi a' guidhe orra gach soirbheachais airson an t-seusain a tha romhainn."
Tha County ag ràdh gun tòisich iad a' coimhead airson manaidsear ùr cho luath sa ghabhas agus gun innis iad cò an sgioba còidsidh ùr a bhios ann fhathast.
"'S e fòcas a h-uile duine aig a' chluba gum faigh sinn air ais dhan Phrìomh Lìg," thuirt an t-àrd-oifigear, Steven Fearghasdan.