Ath-leasachadh air stèiseanan bus is rèile Inbhir Nis ga mholadh

Stèisean Bhus Inbhir NisTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tèid ath-leasachadh a thoirt air stèiseanan bus is rèile Inbhir Nis airson hub còmhdhail phoblaich a chruthachadh.

Tha aithisg aig Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach eil stèisean nam busaichean agus raon-parcaidh Sràid an Ròsaich freagarrach tuilleadh air an àireamh charbadan a th' ann.

Mhol iad a dhol an co-bhann foirmeil le Network Rail agus buidheann còmhdhail na Gàidhealtachd Hitrans airson planaichean ullachadh.

Tha stèisean nam busaichean aig Pàirce Farr-linne gu math faisg air stèisean rèile a' bhaile.

Thuirt a' Chomhairle gun robh iad air a bhith ag amas air "Cairteal an Stèisein" ath-leasachadh o chionn ùine mhòir, 's gun toireadh na planaichean "cruth-atharrachadh" air a' bhaile ma thèid iad air adhart.

Bheireadh an leasachadh buaidh air an sgìre eadar Sràid an Ròsaich agus an loidhne rèile, a' glèidheadh leabharlann a' bhaile a th' air a chlàradh.

Thèid na planaichean air beulaibh bhall air Comataidh Inbhir Nis, taobh a-muigh Diluain seo tighinn.