Lib Deamaich: "dh'fhàisg sinn a h-uile sgilinn" a-mach à Riaghaltas na h-Alba

- Air fhoillseachadh
Dh'innis ceannard Lib Deamaich na h-Alba do cho-labhairt a' phartaidh ann an Dùn Èideann gun do "dh'fhàisg sinn a h-uile sgilinn a b' urrainn dhuinn" a-mach à Riaghaltas na h-Alba ann an aonta a' bhuidseit.
Thuirt Alex Cole-Hamilton gun do sheall sin gun tèid aig a' phartaidh air "rudan fhaighinn dèante", agus £300m de dh'airgead an riaghaltais air a chur mu choinneimh phrìomhachasan Lib Deamach.
"Ach gu dearbha, cha chàraich aon bhuidseat am milleadh gu lèir a rinn 19 bliadhna de riaghaltasan SNP," thuirt e.
"Tha fhios againn gur e an aon rud a bheir an t-atharrachadh a tha a dhìth air Alba air adhart ach riaghaltas ùr."
Tha còig bhuill aig na Lib Deamaich an-dràsta ann am Pàrlamaid na h-Alba.
Coileanaidh am partaidh barrachd, thuirt e, ma gheibh iad barrachd sheataichean aig an taghadh sa Chèitean.
"Ach buidseat an dèidh buidseit, bile an dèidh bhile, cùis an dèidh cùise, tha sinne a' roghnachadh ar cuid cuideim mar bhuill a chleachdadh, mar phartaidh dhùbhlanach, airson rudan fhaighinn dèante."
Thuirt e gum fàg an t-aonta-taice a rinn na Lib Deamaich leis an riaghaltas gum bi 10% a bharrachd maoineachaidh ann do cholaistean, a thuilleadh air barrachd airgid do dh'ospasan, do mheasaidhean òtasm is ADHD, agus taic a bharrachd do roinn na h-aoigheachd.