Cobhair air iacht a chaidh ann an tacsa ri Drochaid Chrombaigh

RNLI Inbhir Ghòrdain a' dèanamh cobhair air an iachtTùs an deilbh, RNLI Inbhir Ghòrdain
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh fios a chur air an RNLI tràth madainn Dihaoine mu iacht a chaidh ma sgaoil

  • Air fhoillseachadh

Rinn bàta-teasairginn Inbhir Ghòrdain cobhair air iacht gun duine air bòrd oirre a chaidh ann an tacsa ri Drochaid Chrombaigh.

Dh'innis an RNLI gun deach fios a chur orra mu 01:55m Dihaoine le aithrisean gun deach iacht 50 meatair de dh'fhaid ma sgaoil bho acair.

Rinn an criutha measadh air suidheachadh an iacht, mus do thill iad chun an stèisein is seirbheisean-èiginn eile an làthair.

Thuirt Poileas Alba gun deach an iacht a dhèanamh sàbhailte ri taobh na drochaide gus an tèid a gluasad.

Tha na poilis air a' chabhsair gu deas air an drochaid a dhùnadh air adhbharan sàbhailteachd, le slighe eile ga cur air dòigh tron A835 agus A862.