ICT an sàs an iomairt gus deuchainnean aillse a bhrosnachadh

- Air fhoillseachadh
Tha Caley Thistle Inbhir Nis air fear de na ciad chlubaichean ball-coise san dùthaich a tha air a dhol an sàs ann am pròiseact ùr feuch fireannaich a bhrosnachadh a dhol gu deuchainn airson aillse a' phròstata.
Bidh tachartas sònraichte aca aig Pàirc Chaledonian Diciadain an 29mh den Ghiblean is cothrom aig fir eadar 40 is 80 bliadhna a dh'aois a dhol fo dheuchainn.
'S e Iomairt Aillse Phròstata na h-Alba tha air cùl an sgrùdaidh is iad a' coimhead air mar a ghabhadh an siostam dheuchainnean is sgrìonaidh a th' ann a leasachadh.
Cha bhi aig na fir ach ri sampall fala a thoirt seachad.
Thèid toraidhean an sgrùdaidh a thoirt do NHS na h-Alba.
Tha Caley Thistle ag ràdh gu bheil iad an dòchas gun tig tòrr fhireannach air adhart.
Tha iad a' gealltainn cuideachd ticeadan airson an sgioba fhaicinn dhan a h-uile duine a nì deuchainn.
"Chan e dìreach cluba ball-coise a tha seo - tha sinn mar phàirt mhòr den choimhearsnachd," thuirt Stiùiriche Coimeirsealta ICT, Anndra Benjamin.
"Nuair a chunnaic sinn gun robh seo a' tachairt, shaoil sinn gun robh e air leth freagarrach dhuinn.
"Tha iad ag amas air 25,000 fear a ruighinn agus mas urrainn dhuinne cuideachadh le dìreach pàirt bheag den sin bidh e na buannachd an dà chuid dhan phròiseact agus an luchd-taic a nì deuchainn."
Faodar deuchainn a chur air dòigh an seo, taobh a-muigh.