'Bu chòir a dhol dhan dotair 's teast fhaighinn air a shon'

- Air fhoillseachadh
Tha sinn air an tòrr a chluinntinn thar nan seachdainnean a dh'fhalbh mu dheidhinn sgrìonadh airson aillse a' phròstata agus iomadach neach ainmeil air iarraidh sgrìonadh coitcheann am measg fhear a bhith san àbhaist.
Tha Rùnaire na Slàinte, Wes Streeting, a' beachdachadh air a' mholadh ach, an t-seachdain seo chaidh, chaidh aithisg fhoillseachadh le Comataidh Nàiseanta Sgrìonaidh na Rìoghachd Aonaichte agus iad a' dol an aghaidh a' bheachd gun tigeadh feum às.
Mhol iad sgrìonadh nas bitheanta do chuid de dh'fhir - gu h-àraid feadhainn a tha nas buailtiche aillse fhaighinn ri linn mùthadh-gine BRCA1 agus BRCA2. Tha dùil ri co-dhùnadh bhon Riaghaltas ro dheireadh a' Mhàirt an ath-bhliadhna.
Tha David Cameron, a bha na Phrìomh Mhinisteir air an Rìoghachd Aonaichte, Sir Chris Hoy, an rothaiche Albannach Oilimpigeach ainmeil, an cleasaiche Sir Stephen Fry agus gu leòr eile air bruidhinn a-mach agus iad a' cur taic ris an iarrtas airson barrachd sgrìonaidh.

Tha moladh Comataidh Nàiseanta Sgrìonaidh na Rìoghachd Aonaichte air iongnadh a chur air mòran dhaoine agus iad den bheachd nach b' urrainn dhan leithid ach a bhith feumail.
Tha a' bhuidheann Cancer Research UK ag aontachadh leis a' mholadh ge-tà, agus iad ag ràdh gum biodh eagal ann gun cailleadh iad aillse nas cunnartaiche ged a gheibheadh iad lorg air aillse 's dòcha nach fheumadh leigheas.

Bhruidhinn mise ri dithis a tha le aillse a' phròstata ann an Leòdhas 's dh'innis iad dhomh beagan mun sgeulachd aca fhèin leis agus na beachdan aca mu sgrìonadh.
Chaidh innse do Mhurchadh gun robh aillse a' phròstata air bho chionn 12 bliadhna.
"Chaidh mi dhan dotair le druim goirt agus thuirt e rium gun robh e a' dol a theacadh a' phròstata," thuirt e.
Chaidh e airson brachytherapy agus bidh iad a' cumail sùil air an ìre de PSA a tha na fhuil gach 3 mìosan.
Nuair a bhios na h-àireamhan aige ag èirigh, tha aige ri cungaidh-leighis a ghabhail airson an ìsleachadh a-rithist.
"Tha e air tòrr diofair a dhèanamh dha mo bheatha. Chan eil mi cho fut 's a bha mi," thuirt e.
"Tha tòrr rudan na lùib.
"Ma tha mi a' faighinn injections tha mi gu math sgìth fad an là.
"Ach nuair a tha iad air sgur dhe na h-injections bheir e timcheall air sia mìosan mus fhaigh mi air ais gu mar a bha mi."

Fhuair Iain a-mach gun robh aillse a' phròstata air aig toiseach na bliadhna 's e air obair-lannsa fhaighinn gus am pròstata aige fhaighinn às.
"Chunnaic mi gun robh fuil air a dhol tron uisge agam agus chaidh mi dhan dotair airson faighinn a-mach dè dh'fhaodadh a bhith ag adhbharachadh sin," thuirt e.
"Bha biopsy agam aig an Ràthaig Mhòr, 's sheall sin gun robh aillse orm aig ìre 1 's ìre 2.
"Aig deireadh a' Mhàirt bha mi an Obar Dheathain 's fhuair mi am pròstata a thoirt àsam."
Ri linn sin, chan eil cungaidh-leighis sam bith eile a dhìth air aig an ìre seo ach tha iad a' cumail sùil air na h-àireamhan aige airson còig bliadhna eile 's iad a' dèanamh deuchainn fala air gach trì mìosan.
Sreun Mòr
A' bruidhinn mun bheachd gum bu chòir sgrìonadh coitcheann a bhith ann, tha an dithis aca ag aontachadh gun tigeadh feum às ach tha iad cuideachd mothachail gun cuireadh e streun mòr air siostam na slàinte 's gur dòcha gun tigeadh barrachd cunnart às na feum.
Tha iad le chèile a' moladh do dhuine sam bith a tha air atharrachaidhean a mhothachadh nam bodhaig fhèin, a dhol a dh'fhaicinn dotair mu dheidhinn airson a bhith cinnteach nach eil càil ag obair orra.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn aillse a' phròstata an seo, taobh a-muigh.