Stèisean ùr do Leòdhas a chruthaicheas dealan gu h-ionadail

Bun-structar dealain Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha ceithir stèiseanan a chruthaicheas dealan gu h-ionadail air feadh nan Eilean Siar

  • Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh SSEN a' sireadh cead stèisean dealain ùr a thogail air iomall Steòrnabhaigh a chumadh cumhachd ris an t-sluagh mura bi an càball-dealain bho thìr-mìr ag obair.

Thèid an stèisean dìosail an àite an fhir a th' ann ann an Àranais agus bidh e comasach air barrachd dealain a chruthachadh na tha comasach an-dràsta - suas ri 15MV.

Tha tagradh SSEN ag ràdh gum bi an goireas ùr air a thogail air an aon làrach 's tha an stèisean a th' ann an-dràsta.

Tha ceithir stèiseanan air an ruith le dìosal aig SSEN sna h-Eileanan an Iar - ann an Àranais agus Rubha a' Bhataraidh ann an Leòdhas, Loch a' Chàrnain ann an Uibhist a Deas agus fear ann am Barraigh.

Bidh iad a' cumail dealain ri eileanaich nuair a dh'fheumas SSEN am prìomh lìonra a chur dheth airson obair a dhèanamh air, neo nuair a tha an càball-mara bho thìr-mòr briste neo ga chàradh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo