Stèiseanan gus cumhachd a chumail ri coimhearsnachdan eileanach

Stèisean cumhachd Rubha a' BhataraidhTùs an deilbh, SSEN
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis a' chompanaidh SSEN gur e na stèiseanan cumhachd an Àranais is Rubha a' Bhataraidh an Leòdhas agus Loch a' Charnain an Uibhist a Deas a bhios a' cumail cumhachd ri coimhearsnachdan eadar an 2na is an 6mh den Ògmhios.

Tha seo ann is obair a' dol air loidhne ùr dealain eadar na Hearadh is Steòrnabhagh.

Thuirt SSEN nach fhaic luchd-cleachdaidh diofar sam bith.

"Tha sinn ag obair gus dèanamh cinnteach gu bheil luchd-cleachdaidh a' faighinn dealain fad na bliadhna, a' gabhail a-steach nuair a dh'fheumas sinn a' phrìomh lìonra a chur dheth 'son obair a dhèanamh air", thuirt Dòmhnall MacAsgaill bho SSEN.

"Eadar an 2na is an 6mh den Ògmhios bidh SSEN ag obair air loidhne ùir eadar na Hearadh is Steòrnabhagh.

"Gus seo a dhèanamh gu sàbhailte bidh cumhachd a' tighinn às na steiseanan ann an Loch a' Charnain, Àranais is Rubha a' Bhataraidh fhad 's a tha an obair riatanach seo a' dol air adhart".