Plana ùr airson làrach taigh Savile an Gleann Comhann

Ro-dhealbh den taigh a thathas a' moladh a thogailTùs an deilbh, AILTIREAN JON FRULLANI
  • Air fhoillseachadh

Chaidh ro-dhealbh de thaigh a dheadh a thogail air làrach seann taigh an drabastair-chloinne Jimmy Savile nach maireann ann an Gleann Comhann.

Bha Savile, a chaidh fhoillseachadh mar fhear de na h-eucoirich feise as miosa a bh' ann am Breatainn, a' fuireach san taigh, air a bheil Allt na Rèigh, bho 1998 gus an do bhàsaich e ann an 2011.

Chaidh a mholadh gun tèid an seann taigh a leagail, 's dachaigh-teaghlaich a thogail na àite.

Chaidh planaichean a bh' ann roimhe a tharraing 's draghan gan togail nach robh e idir a' tighinn a rèir cruth na tìre.

Tha an taigh na shuidhe am measg cuid de na seallaidhean tìre as bòidhche an Alba, 's e a' coimhead a-mach air Bidean nam Beann.

Chuir buidhnean sreap, Urras Nàiseanta na h-Alba agus muinntir Baile Ghlinn Chomhann na aghaidh.

'S ann le teaghlach Harris Aslam, a tha os cionn na companaidh bhùithdean beaga Greens Retail Eta, a tha stèidhichte ann an Cathair Challtainn ann am Fìobha a tha an làrach.

Tha iad a-niste ag iarraidh taigh le trì seòmraichean-cadail a thogail.

Allt na RèighTùs an deilbh, GETTY IMAGES

Anns na pàipearan dealbhachaidh, tha ailtirean a' phròiseict gun Savile ainmeachadh, 's iomradh aca air dìreach mar "an duine maslaichte leis an robh e roimhe".

Thuirt iad gun robh an taigh a th' ann air "aire gun iarraidh" a tharraing, 's gun deach milleadh a dhèanamh air.

Tha iad a' tarraing aire gu fear eile a bha a' fuireach san taigh roimhe, an sreapadair agus innleachdair Albannach an Dr Hamish MacAonghais.

Dh'innlich e seòrsaichean de thuaghan-deighe, agus cuideachd sreadsair a tha fhathast ga chleachdadh le sgiobannan teasairginn beinne air feadh an t-saoghail.

Bhàsaich e ann an 2020.

Thuirt na h-ailtirean gun deagh togalaichean an cois an taighe anns an robh an Dr MacAonghais ag obair air na pròiseactan aige ath-leasachadh mar àiteachan-còmhnaidh fa leth, 's gur e Taigh Hamish a bhiodh air.

Thuirt iad gum biodh an dachaigh ùr na shamhla air an "deagh bhuaidh" a bh' aig an Dr MacAonghais air an làraich.

Tha an t-iarrtas dealbhachaidh fhathast ri dhol air beulaibh chomhairlichean aig Comhairle na Gàidhealtachd airson cead.

Ro-dhealbh a bh' ann roimheTùs an deilbh, AILTIREAN JON FRULLANI
Fo-thiotal an deilbh,

Bha dragh ann mu phlana a bh' ann roimhe, 's a chaidh a tharraing, nach robh e idir a rèir chruth na tìre

Ann am brath a sgaoil e na bu thràithe den mhìos, thuirt Mgr Aslam gun toireadh na molaidhean às ùire urram dhan Dr MacAonghais, a choisinn am far-ainm "Sionnach Ghlinne Chomhann" le a chuid sgilean sreap.

"'S e taigh air leth a tha seo, agus tha e a' toirt cothrom dhuinn nach fhaighear ach aon turas ann an ginealach rud a chruthachadh às am bi sinn uile moiteil mar luchd-gaoil Ghlinne Chomhann agus mar Albannaich phròiseil.

"Bidh sinn tric a' dìochuimhneachadh nan rudan a leasaich an laoch sreap Hamish MacAonghais, 's a thug atharrachadh dha-rìribh air beatha, anns na bothain air an làraich, nam measg an tuagh-deighe Pterodactyl, agus Sreadsair MhicAonghais a tha luchd-teasairginn beinne a' cleachdadh air feadh an t-saoghail.

"A rèir sin, agus sinn ag iarraidh urram a thoirt do Hamish, tha e na adhbhar pròis dhuinn a bhith a' moladh gur e Taigh Hamish a bhios air an togalach ri thaobh, a thuilleadh air leac a chur na chois a' mìneachadh na choilean e ann."

Tha dùil gun do thòisich Jimmy Savile ri droch-dhìol a dhèanamh air chloinn ann am meadhan nan 1940an, nuair a bha e na dheugaire, 's gun do lean e gu co-dhiù 2009, dà bhliadhna mus do bhàsaich e.

Fhuair ath-sgrùdadh an Dàma Janet Smith gun do rinn e droch-dhìol air 72 duine an co-cheangal ris an obair aige leis a' BhBC, le ochdnar dhiubh air an èigneachadh. Bha 11 de na daoine seo nas òige na 12.