Taigh a' Chridhe Uile Naomh "math" ach "piseach a dhìth"

- Air fhoillseachadh
Chaidh piseach iarraidh air cuid de sheirbheisean aig dachaigh-cùraim Taigh a' Chridhe Uile Naomh ann an Uibhist, ged a mheas Buidheann-Sgrùdaidh a' Chùraim gun robh an dachaigh math ann an dòighean eile.
Thadhail an luchd-sgrùdaidh air an dachaigh san t-Sultain, agus fhuair an sgrùdadh aca gun robh an taic a bheirear do shlàinte is sunnd an luchd-còmhnaidh "math gu leòr" ged a dh'iarr iad piseach fhaicinn.
Bha an luchd-obrach "math" agus bha suidheachadh na dachaigh-cùraim "glè mhath".
Ach thog iad air mar a tha gainnead luchd-obrach a' toirt buaidh, agus dh'iarr iad gum faigheadh an luchd-obrach gu lèir trèanadh riatanach.
Ghabh iad ris gun robh suidheachadh eileanach ga fhàgail nas duilghe luchd-obrach fhastadh, ach thug iad an aire, an dèidh mar a nochd an aon trioblaid anns an aithisg mu dheireadh aca, gu bheil ceumannan gan gabhail a dh'ionnsaigh fuasgladh fhaighinn.
Dh'iarr iad cuideachd gum biodh cuideigin an urra ris a h-uile duine den luchd-obrach airson aire a' chumail air ìrean cùraim.
Fhuair an luchd-sgrùdaidh neartan mòra ann am pàirtean den chùram a bheirear seachad.
Solas Nàdarra
Dh'innis iad san aithisg aca gun robh eòlas math aig an luchd-obrach air an luchd-còmhnaidh, agus gun robh mar a bhathar a' dèiligeadh riutha spèismhor agus modhail.
Fhuair iad fios air ais bho luchd-proifeiseanta gun robh an luchd-obrach fàilteachail, gun robh iad a' sireadh comhairle agus taic dha daoine, agus gun robh iad "air leth cùramach" mun luchd-còmhnaidh.
Mhol iad na bha de sholas nàdarra am broinn an togalaich, 's na bh' ann de rùm.
Thuirt Àrd-Oifigear Eadar-amail na Slàinte 's a' Chùraim Shòisealta aig Comhairle nan Eilean Siar, Emma NicSuain, gu bheil a' Chomhairle: "fo ghealltanas ìrean àrda de chùram a thoirt seachad anns na dachannan-cùraim gu lèir.
"A thuilleadh air a' mholadh air pàirtean cudromach den t-seirbheis agus air suidheachadh a' chùraim ann an Taigh a' Chridhe Uile Naomh, thog Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim air gnothaichean ris am feum sinn dèiligeadh.
"Tha an obair sin a' dol air adhart, agus cumaidh sinn oirnn ag obair le luchd-còmhnaidh agus na teaghlaichean aca airson prògram de chur-seachadan a thogail a chuireas ris na dh'fhiosraicheas an luchd-còmhnaidh."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An t-Samhain 2020
