Dh'fhoillsicheadh aithisg air Taigh a' Chridhe Uile Naomh
- Air fhoillseachadh

Bhàsaich aon neach le Covid-19 ann an Taigh a' Chridhe Uile Naomh.
Dh'fhoillsich Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim aithisg air an dachaigh-chùraim Taigh a' Chridhe Uuile Naomh ann an Uibhist a Deas.
Tha seo às dèidh sgrùdaidh a chaidh a dhèanamh air cùram agus an dòigh sa bhathar a' dèiligeadh gu sònraichte ri bhith a' cumail smachd air galairean san dachaigh-chùraim às dèidh Covid-19 sgaoileadh ann an Uibhist tron an t-Sultain agus an Dàmhair.
Bhruidhinn luchd-sgrùdaidh ri luchd-obrach na dachaigh-cùraim agus ri càirdean an luchd-còmhnaidh agus rinn iad sgrùdadh air a' ghoireas fhèin.
Sàbhailteachd
Fhuair Taigh a' Chridhe Uile Naomh an uairsin measadh ann an trì roinnean air an t-seòrsa cùraim is taic a bha iad a' tabhann fhad 's a bha an galar a' sgapadh.
Le bhith a' tabhann àite-còmhnaidh sàbhailte do luchd-còmhnaidh is luchd-obrach le deagh smachd air a' ghalar, agus a' dèanamh cinnteach gun robh àireamhan luchd-obrach freagarrach airson dèiligeadh ri feumalachdan an luchd-còmhnaidh, fhuair iad measadh aig ìre mhath.
Ach airson measadh air mar a chaidh slàinte dhaoine a dhìon tron ghalar, thuirt an aithisg gun robh iad sin aig ìre math gu leòr - an ìre eadar lag agus math.
Sgapadh
Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle nan Eilean Siar gun robh iad mothachail air an obair chruaidh a rinn an luchd-obrach airson dèanamh cinnteach gun robh smachd aca air a' ghalar le bhith a' cumail ris na riaghailtean a thaobh sgapadh a' bhìorais.
Thuirt iad gun tòisich iad ag obair a-nis air molaidhean na h-aithisg a chur an gnìomh.
Chaidh còrr is 50 duine a chlàradh le Covid-19 anns an sgapadh a thug buaidh air coimhearsnachdan Èirisgeigh, Uibhist a Deas agus Beinn na Faoghla.
Bhàsaich aon neach a bha a' fuireach ann an Taigh a' Chridhe Uile Naomh.
Chaidh iarraidh air còrr is 280 neach fuireach fa leth bho dhaoine eile fhad 's a bha am bhìoras anns a' choimhearsnachd agus b' fheudar na sgoiltean a dhùnadh rè-ùine.