FFIS: "Poileasaidh air a dhealbh ann an cabhag"

Uibhist a Deas
  • Air fhoillseachadh

Thuirt ball-pàrlamaid eileanach gun deach sgeama connspaideach FFIS a dhealbh ann an cabhag le Riaghaltas na h-Alba.

Chaidh an sgeama a chur air bhonn an-uiridh gus obair àrainneachd a leasachadh ann an àiteachas.

Ach nochd connspaid nuair a thàinig e am follais gun deach àireamh fìor àrd de thagraidhean ann an sgìrean croitearachd agus eileanach a dhiùltadh.

Chaidh pòit airgid luach £21m a roinn eadar timcheall air 1,600 tagraiche sa chiad dol a-mach, a-mach à còrr is 7,500 tagradh uile gu lèir. Às dèidh ath-sgrùdaidh air an sgeama, fhuair beagan is 120 croitear is tuathanach taic a bharrachd, mun darna leth bho eileanan na h-Alba.

"Caitheamh-ùine"

A' bruidhinn ann an deasbad mun sgeama am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin, thuirt am ball Lib Deamach airson Arcaibh, Liam MacArtair, gun robh an sgeama air a dhealbh ann an cabhag le droch cho-chonaltradh timcheall air.

Thuirt e gun deach a chur a-mach air adhbharan poileataigeach is an riaghaltas airson poileasaidh fhoillseachadh aig Fèill Rìoghail na Gàidhealtachd an-uiridh.

Ghabh e ris gun robh e a-riamh coltach gum biodh an t-iarrtas nas motha na an taic a bha ri fhaotainn, ach thuirt e gun robh na slatan-tomhais a' fàgail gun robh mòran an dùil gun robh cothrom aca air a' mhaoineachadh.

Thuirt e gur e "caitheamh-ùine" a bh' anns a' phròiseas dhaibhsan a bha an sàs, is e a' togail air mar a fhuair gnothachasan ann an Arcaibh nas lugha na 3.5% dhen mhaoineachadh agus gun robh an àireamh sin nas lugha na 2% ann an Sealtainn.

Thuirt am ball Tòraidheach airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Jamie Halcro Johnston, gur e "eisimpleir a th' ann air poileasaidh air a chruthachadh ann an Dùn Èideann a tha a' fàillingeadh le bhith a' coinneachadh ri feumalachdan choimhearsnachdan dùthchail agus eileanach."

Chuir ministear an àiteachais, Jim Fairlie, dìon air an sgeama. Thuirt e gun do dh'obraich an riaghaltas leis a' ghnìomhachas agus luchd-ùidhe gus £21m de thaic a chur ri timcheall air 1,750 croitear is tuathanach air feadh na h-Alba.

Thuirt e gur e sgeama gu math farpaiseach a bh' ann, gun deach tagraidhean a mheasadh a rèir cho comasach 's a bha iad air na h-amasan a choileanadh, agus nach robh barantas sam bith ann air maoineachadh dhaibhsan a chuir a-steach air a shon.

Thuirt e gu bheil an riaghaltas ag aitheachadh a' bhrisidh-dhùil a dh'fhuiling iadsan nach robh soirbheachail agus gu bheil iad ag èisteachd gu cùramach ris na draghan a chaidh a thogail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo