Geamaichean tarraingeach air an taghadh an Cupa MhicThàmhais

Pàirc a' Bhucht
  • Air fhoillseachadh

Tòisichidh Ceann a' Ghiùthsaich an oidhirp aca Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh 'son an còigeamh turas ann an streath le geama doirbh air falbh an agaidh Chinn Loch Seile.

'S e Ceann Loch Seile an thog an cupa ann an 2021 - a' bhliadhna mus do thòisich sreath Chinn a' Ghiùthsaich.

'S iad cuideachd an aon sgioba a rinn a' chùis air Kings sa Phrìomh Lìog ann an 2025.

Bha seo am measg nan geamaichean a thàinig às an ad aig an taghadh aig Pàirc a' Bhucht Dihaoine.

Bidh sùil aig mòran cuideachd air Loch Abar an aghaidh nan nàbaidhean aca bhon Ghearasdan.

Tha an taghadh mar a leanas:

  • Loch Abar - An Gearasdan

  • Inbhir Nis - Cabar Fèidh

  • Ceann Loch Seile - Ceann a' Ghiùthsaich

  • An t-Eilean Sgitheanach - Cill Mhàilidh

  • Srath Ghlais - Gleann Urchadain

Tha Lòbhat, a' Mhanachainn is Baile Ùr an t-Slèibh a' dol dìreach dhan dàrna cuairt.

Bidh na geamaichean sa chiad chuairt ann Disathairne an 4mh den Ghiblean.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte