Là mòr na Gàidhlig an Cataibh

- Air fhoillseachadh
Tha feadhainn a tha a' feuchainn ri suidheachadh na Gàidhlig ann an Cataibh a leasachadh ag ràdh gu bheil iad nas misneachaile na bha iad agus là sònraichte gu bhith aca air an deireadh-sheachdain.
Thòisich deasbad às ùr mu chor a' chànain ann an Cataibh is àireamhan a' chunntais-shluaigh ann an 2022 air dealbh gu math dubhach a dhèanamh.
'S e gu ìre mhòir aithris a rinn am fear-naidheachd Alasdair MacLeòid air BBC Naidheachdan a phiobrach an deasbad an toiseach.
Chuala Alasdair mar a bha an cànan air crìonadh gu mòr thar nam bliadhnaichean is gur e glè bheag a bha a-nise a' tachairt a thaobh a' chànain.
Air a' cheann thall chaidh an iomairt Gàidhlig ann an Cataibh a stèidheachadh is iad air a bhith ag obair bhon uairsin feuch gnothaichean a thoirt air adhart.
Aithris Alasdair MhicLeòid ann an 2024 a phiobraich deasbad: A bheil Gàidhlig Chataibh a' dol à bith?
Disathairne bidh là Gàidhlig sònraichte aca ann an Talla na Luirge.
"Tha rudan air tighinn air adhart beagan is tha sinn a' feuchainn dìreach ri tachartasan is rudan mar sin a chur air dòigh san sgìre 'son Gàidhlig a bhrosnachadh," thuirt Kirsty NicConail a tha an sàs san iomairt.
"Tha sinn airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn a-mach gu daoine aig nach eil Gàidhlig gu bheil na cothroman seo ann is 's e Là na Gàidhlig dòigh eile air sin a dhèanamh".
Tha farsaingeachd mhòr de rudan a' dol tron là do dhaoine aig diofar aoisean, bùithtean-obrach Leughadh is Seinn is Cur Air Dòigh Fhlùraichean is Tai Chi sa Ghàidhlig nam measg.
Gàidhlig ann an Cataibh: "Chan eil mi a' faicinn moran a' tachairt"
- Air fhoillseachadh21 An Dàmhair 2024
Deasbad às ùr mu ath-dhùsgadh na Gàidhlig an Cataibh
- Air fhoillseachadh20 An t-Samhain 2024
Dragh gun caill clann an Cataibh cothrom air FtMG
- Air fhoillseachadh5 Am Màrt 2025
Thig gnothaichean gu ceann air an oidhche le cuirm-chiùil is cuid de shàr cheòlaidearan na sgìre gu bhith a' nochdadh.
Tha an luchd-iomairt ag aithneachadh gu bheil slighe fhada romhpa ach tha iad an dòchas gur e ceum cudromach eile a bhios san là seo air an rathad.
"Tha sinn an dòchas Gàidhlig a bhrosnachadh is ùidh a thogail sa Ghàidhlig agus rudan eile a dhèanamh, 's dòcha tro na sgoiltean," thuirt Kirsty.
"Tha sinn an dòchas gum bi là eile mar seo againn cuideachd".
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu Là Gàidhlig Chataibh an seo, taobh a-muigh.