Cobhair air dithis sa Mhonadh Ruadh

- Air fhoillseachadh
Chaidh cobhair a dhèanamh air dithis shreapadairean a chaidh a ghoirteachadh fhad 's a bha iad a' sreap sa Mhonadh Ruadh air an deireadh-sheachdain.
Chaidh an dithis a sguabadh air falbh nuair a thuit bile-sneachda air am muin 's iad a' sreap air a' Charn Ghorm.
Bha an dithis a' sreap ann am pairt de Choire an t-Sneachda a tha aithichte mar "Aladdin's Couloir" nuair a thàinig am bile-sneachda a-nuas orra.
Chaidh an lorg aig bonn an slighe sreap, "Aladdin's Mirror", agus chaidh cobhair a dhèanamh orra sa chiad dol a-mach le buill de Sgioba Teasairginn Bheanntan Asainnt a bha iad fhèin a' sreap san sgìre aig an àm.
Chaidh an dithis a thogail gu heileacoptair Mhaor-Cladaich le sgioba teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh.
Chaidh an toirt dhan ospadal ach chan eil fiosrachadh ann mun staid sa bheil iad.
Thug sgioba a' Mhonaidh Ruaidh taing do sgioba Asainnt agus sreapadairean eile a thug cuideachadh dhaibh, agus iad ag ràdh nach gabhadh prìs a chur air an taic a thug iad dhan iomairt theasairginn.
Aig a' cheart àm, chaidh Sgioba Teasairginn Beinne Loch Abair a dhèanamh cobhair air dithis luchd-coiseachd a bh' air an claoidh faisg air mullach Beinn Nibheis air an deireadh-sheachdain.
Chaidh an sgioba thuca air chois, oidhche Shathairne, ann an sneachda domhain.
Chaidh an uair sin an coinneachadh le carbad monaidh a thug an dithis far na beinne.