Beachdan gan iarraidh bho mhuinntir Luinn

  • Air fhoillseachadh
Eilean LuinnTùs an deilbh, Rob Farrow/Geograph

Dh'iarr Comhairle Choimhearsnachd Luinn air gnothachasan is muinntir an eilein freagairt a thoirt do cho-chomhairleachadh an riaghaltais air molaidhean airson sgìrean HPMA - no Sgìrean Mara le Dìon Àrd - a stèidheachadh timcheall chladaichean na h-Alba.

Tha dragh orra mun bhuaidh a dh'fhaodadh seo toirt air gnìomhachas an iasgaich agus air turasachd.

Thuirt Neach-gairm na Comhairle Coimhearsnachd, Innes MacCuinn:

"Tha sinn a' brosnachadh dhaoine a bhith a' cur a-staigh freagairtean dhan cho-chomhairleachadh air sgàth 's gum bi daoine mothachadh gu bheil a' co-chomhairleachadh seo a' dol air adhart agus gum bi daoine cuideachd a' tuigsinn nach ann dìreach air na h-iasgairean a bheir seo buaidh ach air na gnìomhachasan air fad cha mhòr a tha anns an sgìre seo agus na daoine a tha a' cleachdadh na mara airson cur-seachadan.

"Bidh buaidh air a' choimhearsnachd seo agus tha sinn ag iarraidh air a' choimhearsnachd a bhith mothachail mu dheidhinn sin agus a bhith a' cur nam freagairtean agus nam beachdan aca fhèin a-staigh dhan cho-chomhairleachadh."

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil obair mhòr ri dhèanamh mus tig molaidhean cinnteach air càite am bi sgìrean HPMA.

Thuirt iad gu bheil e cho cudromach 's a ghabhas gum bi coimhearsnachdan an sàs sa phròiseas, is dh'iarr iad air daoine am beachdan a chur a-steach dhan cho-chomhairleachadh, a tha fosgailte chun 20mh den Mhàrt.