Eas-aonta mu thaigh Jimmy Savile an Gleann Comhann

  • Air fhoillseachadh
Taigh Jimmy Savile aig Allt na RèighTùs an deilbh, Getty Images

Tha buidheann sreapadaireachd a' cur an aghaidh phlanaichean taigh Jimmy Saville ann an Gleann Comhann a leasachadh.

Fhuair sgrùdadh gur e drabastair chloinne a bh' anns a' phreasantair telebhisein, agus on bhàsaich e ann an 2011 chaidh milleadh a dhèanamh air an t-seann dachaigh aige.

Bha e a' fuireach ann an Allt na Rèigh bho 1998 gus an do bhàsaich e ann an 2011.

Tha am fear leis a bheil e an-dràsta, am fear-gnothaich Harris Aslam, 25, airson a leagail agus togalach ùr a chur na àite.

Cudromach gu Cultarail

Ach tha Sreap Alba ag ràdh nach eil an dealbh a' freagairt air an àrainneachd agus na togalaichean eile sa ghleann.

Chaidh iarrtas dealbhachaidh a chur a-steach deireadh na bliadhna an-uiridh.

Ach tha Sreap Alba, sa bheil mu 15,000 duine nam buill, air pàipear a chur air adhart leis na h-adhbharan aca cur na aghaidh.

Chan eil a' bhuidheann an aghaidh an taigh a bhith air ùrachadh no togalach ùr a chur na àite ann am prionnsabal.

Na tha san amharcTùs an deilbh, Jon Frullani Architect

Ach thuirt àrd-stiùiriche na buidhne, Stiùbhart Younie, nach robh meudachd no dealbhachd na tha san amharc idir freagarrach, 's nach tigeadh e a rèir cruth na tìre no dreach nan togalaichean eile a tha sa ghleann.

"Tha an taigh seo ann an àite gu math follaiseach sa ghleann, a tha na phàirt de Sgìre Bhòidheach Nàiseanta," thuirt e.

"Faodar a ràdh gur e fear de na seallaidhean as cudromaiche an Alba a th' ann bhon taigh, a dh'ionnsaigh nan Triùir Pheathraichean, a thuilleadh air seallaidhean sìos an gleann bho àiteachean eile air na mullaichean a deas agus an frìth-rathaidean.

"'S e am beachd a th' againne, agus tha sinn an urras gun aontaicheadh Comhairle na Gàidhealtachd, gum feumar beachdachadh gu faiceallach air togalach ùr-ghnàthach sam bith a sheasas a-mach 's a bheireadh buaidh air leithid de shealladh."

Na tha san amharcTùs an deilbh, Jon Frullani Architect

Tha Sreap Alba cuideachd ag ràdh gu bheil an togalach a th' ann cudromach a thaobh cultair, leis gur ann a bha an sreapadair ainmeil Hamis MacAonghais - a leasaich gach cuid sreadsair MhicAonghais agus a' chiad tuagh-deighe le làmh mheadailte - a' fuireach aig aon àm.

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba cuideachd air cur an aghaidh nam planaichean.

"Tha an togalach ùr a tha ga chur air adhart gu math nas motha na am fear a th' ann, agus leis an ailltireachd ùr-ghnàthach a th' ann bheireadh e buaidh ro mhòr air coltas cruth na tìre," thuirt an t-Urras.

An dèidh bàs Savile, chaidh cur às do mholaidhean an t-àite a dhèanamh na ionad cùraim faochaidh, an dèidh mar a thàinig an drabastachd san robh e an sàs am bàrr.

'S e Harris Aslam, 25, leis a bheil e an-dràsta, àrd-stiùiriche Buidheann Glenshire, agus cuideachd na companaidh bhùithdean Eros Retail.

Chùm e co-chomhairle air-loidhne san t-Sultain an-uiridh le muinntir na sgìre mu na bu chòir tachairt leis an togalach. Bha mòran aca taiceil ri beachd gum bu chòir a leagail.

"Tha mi mothachail dha eachdraidh an togalaich, ach saoilidh mi gun gabh rudeigin math a dhèanamh leis," dh'innis Mgr Aslam dhan Lochaber Times.

A rèir an Scotsman, dh'innis Mgr Aslam dhan cho-chomhairle: "Tha sinne a' sùileachadh gun gabh dachaigh teaghlaich a thogail san àite iongantach seo, a' gabhail brath air na seallaidhean àlainn a dh'ionnsaigh nan Triùir Pheathraichean agus Bidean nam Bian.

"Tha an àiltireachd a' tighinn a rèir charactair cruth-tìre na h-Alba, leis gu bheil e a' cleachdadh stuthan leithid chlach nàdarra às an sgìre fhèin, agus fiodh thermo-ghiuthais."

'S ann bhon àilltire Jon Frullani, a tha stèidhichte an Dùn Dè, a thàinig an dealbhachd.

Chuireadh na molaidhean a-steach gu Comhairle na Gàidhealtachd airson cead-dealbhachaidh fhoirmeil, 's dòchas ann gun tòisich obair-togail am-bliadhna.