Ìmpidh mu fhiaclaireachd Uibhist
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, air Comhairle nan Eilean Siar agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar fuasgladh fhaighinn air a' chonnspaid mu sheirbheis Fiaclaireachd Uibhist.
Chan eil e follaiseach fhathast dè an cruth a bhios air seirbheisean anns an àm ri teachd, agus am Bòrd Slàinte airson 's gum bi aon ionad ann am Baile Mhanaich, a dh'aindeoin draghan bhon phoball.
Tha ochd mìosan ann bho chaidh bhòt a chumail, gun bhuil, aig Bòrd Amalaichte nan Eilean Siar air a' chùis.
'S e roghainn na coimhearsnachd trì ionadan a chumail ann an Uibhist a Deas, Beinn nam Fadhla agus Uibhist a Tuath.
Gun aonta aig buill a' Bhùird Amalaichte, tha e an urra ri àrd-oifigearan na Comhairle, agus Bòrd na Slàinte, tighinn gu co-dhùnadh air.
Ach tha iad gun an ìre sin a' ruighinn fhathast.
Tha Alasdair Allan BPA a-niste ag iarraidh orra gluasad dhan ath-cheum agus fuasgladh fhaighinn air a' chonnspaid, gus am faigh muinntir Uibhist freagairt.